Na h-eileanan deiseil son iasgach dealain
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Iasgairean nan Eilean deiseil son iasgach dealain

7 An Giblean 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha iasgairean nan Eilean deiseil brath a ghabhail air iasgach ùr a tha a' glacadh mhuirsgeanan le gathan dealain.

Thug Riaghaltas na h-Alba cead às dèidh dheuchainnean an Caolas Bharraigh.

Ged a tha luchd-glèidhteachais ag ràdh gu bheil e a' dèanamh call air beathaichean ghrunnd na mara, tha iasgairean ag ràdh gu bheil e seasmhach 's gu bheil nas lugha millidh ann.