Binn a'dol air draibhear a mharbh bheat

  • 7 An Giblean 2017
Thomas Wainright Image copyright Iain McLellan/Spindrift Photo Agency

Chaidh binn 12 bliadhna air fear a bha a' draibheadh fo bhuaidh na dibhe agus a mharbh bheat ann am Muile anns an Dàmhair 2015.

Chaidh casg cuideachd air Thomas Wainright bho bhith a' draibheadh airson 15 bliadhna.

Bha e air taobh ceàrr an rathaid agus a' siubhal aig suas ri 95.5msu ann an carbad Maserati nuair a bhuail e sa bhan aig Theresa Wade.

Chuala a chùirt mus deach binn a chuir air Wainright, 27, gu robh e air a bhith ag òl lionn-ubhal agus uisge beatha fad 8.5 uair a thìde ron tubaist.

Chaidh fhaighinn ciontach gun do dh' adhbhraich e bàs le bhith draibheadh gu cunnartach air a mhìos a chaidh.

A' cuir binn air san Àrd Chùirt ann an Glaschu, thuirt am britheamh John Morris QC gu robh e doirbh dhà lasachadh sam bith a' lorg airson na rinn e, ach cho òg sa tha e fhathast.