Barrachd aig puirt adhair ionadail

  • 7 An Giblean 2017
Port Adhair Inbhir Nis Image copyright John Allan/Geograph

B'i a' bhliadhna gu deireadh a' Mhàirt an tè a bu thrainge fhathast a bh' aig Puirt-Adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

Tha an àireamh a tha a' cleachdadh port adhair Inbhir Nis, gu sònraichte, air èirigh gu mòr, agus slighean ùra air tòiseachadh.

Chaidh 829,000 luchd siubhail tro phort adhair Inbhir Nis anns a' bhliadhna chun a' Mhàirt.

Sin 23.5% nas àirde an coimeas ris a' bhliadhna ron sin.

Cudromach

Tha seirbheis ùr British Airways eadar Inbhir Nis agus Heathrow agus seirbheis KLM a dh' ionnsaigh Amsterdam air cur ris na h-àireamhan.

Tha ceannardan HIAL ag ràdh gu bheil seo a' sealtainn cho cudromach sa tha Inbhir Nis do dh' eaconamaidh na sgìre air fad.

Dh' èirich an àireamh de luchd-siubhail a chleachd port adhair Bharraigh 16%.

Thuit na bha a' cleachdadh port adhair Inbhir Ùige is Taigh Iain Ghròt 15%.

Thathar a' coireachadh iarrtais nas lugha bho roinn a' chumachd eadar an sgìre agus Obar Dheathain.