Deuchainn slàinte inntinn chloinne

  • 7 An Giblean 2017
Clann Image copyright PA

Tha deuchainn ga dèanamh a' cleachdadh siostam coimpiutaireachd tèarainte airson measadh a dhèanamh air slàinte inntinn cloinne.

Tha beachd ann gu faodadh seo cuideachadh fhaighinn dhabhsan air a bheil trom inntinn neo autism nas luaithe ri linn a' measaidh air loidhne seo.

'S e sgioba bho Oilthigh Obar Dheathain a th' air cùl na deuchainn.

Thuirt iad gu faodadh measadh air loidhne mar seo seirbheis a thabhainn ann an roinn slàinte far nach eil an t-uabhas luchd-obrach agus mòran euslaintich feumach air taic.

Faodaidh daoine òga agus na pàrantan aca neo an luchd-cùraim aca an siostam a chleachdadh air Ghàidhealtachd agus anns an Fhionnlainn.

Tha ceithir roinnean san deuchainn fhèin:

  • Trom inntinn, OCD is phobias
  • ADHD
  • Autism is Asperger's
  • Tinneasan modha

Thuirt oilthigh Obar Dheathain gu bheil duilgheadasan slàinte eile, nach eil cho cumanta, air am bu chòir a bhith beachdachadh cuideachd.

Fhad's a bhios an deuchainn a' leantainn ann an sgìre NHS na Gàidhealtachd, gheibh 50% de dh'euslaintich am measadh ùr air loidhne agus gheibh 50% an leigheas àbhaisteach a thathar a' tabhainn an-dràsta.

'Cudromach'

Às dèidh coinneachadh ris an dotair teaghlaich aca, bidh aig pàrantan ri liosta de cheistean a fhreagairt air loidhne.

Dh' fhaodadh an duine cloinne cuideachd pàirt a ghabhail san agallamh a thuilleadh air tidsear na cloinne, a-rèir dè an aois a tha iad.

Thèid am fiosrachadh uile an uairsin gu saic-eòlaiche cloinne, a choimheadas air agus a nì measadh.

Thuirt an t-Ollamh Philip MacUilleim, ceannard Ionad Slàinte Dùthchail Oilthigh Obar Dheathain: "'S e deuchainn chudromach a tha seo air seirbheis ùir a dh' fhaodadh, aig deireadh an làtha, siostam nas fhasa, nas doimhne agus nas èifeachdaiche a chruthachadh do chloinn agus do dhaoine òga a tha feumach air measadh lighiche-inntinn."