Innealan pàircidh ùra a dhìth air Ghàidhealtachd

  • 6 An Giblean 2017
Buinn-airgid £1 ùr Image copyright Getty Images

Tha oifigearan aig Comhairle na Gàidhealtachd air dearbhadh gum feum iad 20 innealan-pàircidh ùra fhaighinn sa Ghèarasdan agus san Eilean Sgitheanach leis nach obraich an fheadhainn a th' ann leis a' bhonn-airgid £1 ùr.

Thuirt an t-ùghdarras iondail gum faod daoine na buinn ùra, air a bheil dusan taobh, a chleachadh aig raointean pàircidh eile air feadh na sgìre.

Feumar 16 innealean sa Ghearasdan ùrachadh agus ceithir san Eilean Sgitheanach.

Dh'fhaodadh gun toireadh e suas ri trì mìosan airson na h-innealan ùra fhaighinn agus a chur an sàs.

Bidh na seann bhuinn-airgid laghail suas dhan 15mh den Dàmhair.

Thathar ag iarraidh a' mhòr-shluagh na seann bhuinn cruinn a chosg neo a chur dhan bhanca mus caill iad inbhe laghail.