Binn phrìosain son eucoir cloinne 'gràineil'

  • 6 An Giblean 2017
Robert McGregor Image copyright Police Scotland
Image caption Bha an duine-cloinne a b' òige air an tug Raibeart MacGriogair ionnsaigh trì bliadhna a dh'aois.

Chaidh binn phrìosain 10 bliadhna air fireannach a bha air e fhèin a chlàradh a' toirt ionnsaighean drabasta air cloinn, agus a bha air na dealbhan a chur air an eadar-lìn.

Fhuair na poileis gun robh Raibeart MacGriogair, 36, air triùir duine cloinne èigneachadh às dèidh dhaibh rannsachadh a dhèanamh air an dachaigh aige ann an Inbhir Nis.

Chaidh a dhearbhadh gun robh an fheadhainn a dh'fhulaing na h-ionnsaighean trì, sia agus dusan bliadhna a dh'aois.

Thuirt na h-oifigearan poileis a bha a' rannsachadh na cùise gun robh an dol a-mach aig MacGriogair "gràineil agus gun leisgeul."

Ullachadh

Chualas anns an Àrd Chùirt ann an Dùn Èideann gun robh e air a bhith ag ullachadh agus a' gabhail brath air a' chloinn son 13 bliadhna.

Thuirt am breitheamh, A' Bhean-uasal NicIlleMhìcheil gun robh e air càirdeasan a chruthachadh ri teaghlaichean a dh'aona-ghnothach son faighinn cothrom air a' chloinn.

Thuirt i gun biodh e air binn 15 bliadhna fhaighinn ach gun do dh'aidich e a chionnt air ìre thràth.

Thugadh binn 10 bliadhna sa phrìosan air MacGriogair agus thèid sùil a chumail air son còig bliadhna a bharrachd nuair a thèid a shaoradh.

Agus chaidh innse dha gun tèid ainm a chur air clàr nan drabastairean son ùine gun crìoch.

Droch-dhìol

Chaidh rèid a dhèanamh air an dachaigh aig Raibeart MacGriogair sa Chèitean an-uiridh agus thug na poileis coimpiutairean agus stuth eile air falbh son tuilleadh rannsachaidh a dhèanamh orra.

Fhuair iad lorg air còrr is 2,000 dealbh dhrabasta agus 899 bhidio, agus bha mòran dhiubh sin aig an ìre as miosa de dhroch-dhìol.

Sheall cuid de na bhidiothan dealbhan de MhacGriogair a' toirt ionnsaighean drabasta air triùir cloinne, a chaidh an aithneachadh le rannsachadh nam poileas.

Thachair na h-ionnsaidhean eadar 2001 agus 2014, uile ann an sgìre Inbhir Nis.

Thuirt an sgioba dìon aige gu bheil coltas ann gu bheil MacGriogair deònach pàirt a ghabhail ann am prògraman son an dol a-mach aige a cheartachadh.

Thuirt an Det Insp Mark Lambley, aig Ionad Rannsachaidh Nàiseanta Droch-dhìol na Cloinne gun robh na h-eucoirean aig MacGriogair "gràineil".

"Chan ann tric a thachras a leithid de chùis cho uabhasach ri seo ann an Alba, agus bheir seo buaidh mhòr air na coimhearsnachdan ionadail."

"Thathar an dòchas, ge-tà, gum bi bìnn na cùirte na teachdaireachd shoilleir gum bi Poileas Alba a' rannsachadh aithrisean mu ionnsaidhean drabasta mar seo gu dìcheallach - chan eil e gu diofar cuine a thachair e", thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile