County suas dhan 8mh àite
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

County suas dhan 8mh àite

6 An Giblean 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Rinn Derek MacAonghais moladh air an sgioba aige às deidh do dh'Obar Dheathain an 10mh geama aca ann an sreath aig an taigh a bhuannachadh Dimàirt.

Rinn iad a' chùis air Caley Thistle Inbhir Nis tadhal gu neoni, a' ciallachadh gun deach na Dons seachad air a' chlàr aig sgioba Sir Ailig Fhearghasdain ann an 1986.

Cuideachd, ghluais Ross County suas dhan 8mh àite sa lìog às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air Dùn Dè ann an Inbhir Pheotharain.