Còig uain gam breith aig aon chaora
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Còig uain gam breith aig aon chaora

6 An Giblean 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Àm breith nan uan agus 's tric a chì sinn dà uan neo 's d`ocha trì aig aon chaora.

Ach rug caora an Uibhist a Tuath còig.

Tha trì dhiubh a-nis air an cur air caoraich eile.

Tha iad uile tapaidh agus a h-uile dùil gun tig iad air adhart gu math.

Tha mu 700 caora aig a' chroitear leis a bheil i, Somhairle Dòmhnallach, ri breith fhathast.