Barrachd a'gluasad à Ospadal Ghallaibh

  • 6 An Giblean 2017
Ospadal Ghallaibh Image copyright JThomas/Geograph

Chaidh an àireamh dhaoine a thathar a' gluasad gu ospadalan eile à Ospadal Ghallaibh thairis air a chòig bliadhna mu dheireadh suas còrr air 50%.

Tha seo a-rèir àireamhan ùra a fhuaireas bho Sheirbheis Charbad-eiridinn na h-Alba.

An uiridh, chaidh còrr air 650 euslainteach a ghluasad - chaidh a chuid mhòr dhuibh sin a chur gu Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis.

Tha an SAS ag ràdh ge-tà, nach eil an àireamh sin a' gabhail a-steach màthraichean a tha an dùil leanabh a bhith aca.

Thuirt ball pàrlamaid Albannach Làbarach na sgìre, Rhoda Ghrannd, gu bheil na h-àireamhan sa a' sealtainn gur ann a bha cruaidh fheum air seirbheis charbad-eiridinn nas fheàrr anns an sgìre - rud a chaidh fhoillseachadh bho chionn ghoirid.

Thuirt neach-labhairt bhon SAS gu robh iad a' cuir fàilte air maoineachadh a bharrachd de £400,000 airson seirbheisean eiridinn a bharrachd, gu sònraichte air sàilleabh na thathar a' gluasad de dh' euslaintich gu ospadalan eile.

Thuirt e cuideachd gu robh iad a' cumail sùil air iarrtas san sgìre.