Teine mòintich air Ghàidhealtachd

  • 6 An Giblean 2017
Teine Duras Image copyright JasperImage

Bha criuthaichean smàlaidh a' sabaid teine mòintich faisg air Loch Nis fad 11 uair a thìde tron oidhche.

Chaidh na seirbheisean èiginneach a ghairm chun na làraich, eadar Easaich agus Duras aig 19:30 Diciadain.

Bha ceithir charbadan smàlaidh an làthair airson smachd fhaighinn air an teine.

Cha robh togalaichean sam bith ann an cunnart bho na lasairean.

Thuirt Seirbheis Smàlaidh na h-Alba gu robh na sgiobaidhean air fad air tilleadh chun nan stèiseanan aca.

Thuirt an t-seirbheis ge-tà, gum biodh smàladairean a' tilleadh dhan sgìre tron làtha Diardaoin airson sùil a chumail air far an robh an teine.