Dragh mu smachd air Oighreachd a' Chrùin

  • 6 An Giblean 2017
Oighreachd a'Chrùin

Tha cunnart ann gun cùm Holyrood smachd air cumhachdan Oighreachd a' Chrùin.

Nochd am beachd sa bho Aonghas MacIlleMhaoil, chathraiche an uachdarain coimhearsnachd Stòras Uibhist.

Bhon chiad làtha den Ghiblean am-bliadhna, fhuair riaghaltas na h-Alba sealbh air cumhachdan Oighreachd a' Chrùin.

Thuirt Mgr MacIlleMhaoil gu bheil còir na cumhachdan a bhith gan sgaoileadh barrachd gu ìre ionadail.

Sgeama pìleat

Thuirt e cuideachd gu bheil e cudromach a-nise gu soirbhich le sgeama pìleit airson na cumhachdan a thoirt do dh'ùghdarrasan ionadail anns a' chiad dol-a-mach, agus an uairsin a' dol gu na coimhearsnachdan.

Bhiodh sin na dhearbhadh, thuirt e.

Thuirt Alasdair Allan, Ball-pàrlamaid Albannach nan Eilean Siar, ron seo, gur i an aona cheist a bh' ann - cuin is ciamar a dheadh na cumhachdan a sgaoileadh aig ìre ionadail.