Ceist na h-Alba, Ceist na h-Eòrpa

  • 5 An Giblean 2017
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Còmhradh Brexit a-nis air fàire

Bhòt Parliamaid na h-Eòrpa an-diugh airson rùin a dh'innseas gu leòr dhuinn mu na tha air fàire anns a' chòmhradh a leanas eadar an Rìoghachd Aonaichte agus an còrr.

Feumaidh a' Phàrlamaid taic a chuir ri aonta sam bith mun dòigh anns am bi Breatainn a' fàgail an Aonaidh.

Ach tha rùn an latha an-diugh cuideachd a' nochdadh beachdan na 27 mun t-slighe air adhart.

A-measg nan rudan as cudromaiche dhaibh tha inbhe shaoranach Breatannach anns an Roinn Eòrpa agus shaoranach Eòrpach anns an Rìoghachd Aonaichte.

Tha e a' cur cuideam cuideachd air an airgead a dh'iarr an t-Aonadh bho Breatainn mus falbh i.

Agus, tha a' Phàrlamaid - agus na 27 gu lèir - a' cur a cuideim air cùl Poblachd na h-Èirinn air ceist na crìche eadar Doire agus Dùn nan Gall - no eadar an Rìoghachd Aonaichte agus an t-Aonadh Eòrpach, mar a bhitheas.

Bunait

Dh'aithnich a' Phàrlamaid gun do bhòt mòr-chuid de dhaoine ann an Èirinn a Tuath airson fuireach anns an Aonadh agus dragh oirre mu bhuaidh crìche cruaidhe air pròiseas na sìthe.

Tha am pròiseas sin na chùis eadar-nàiseanta, le cunnradh eadar Breatainn agus Èirinn na bhunait dhi.

Ach an-diugh chaidh a' Phàrlamaid ann an Strasbourg an sàs ann an deasbad a bha, thuige seo, ga chumail aig an taigh.

Bheir an rùn seo aithne do dh'Alba agus don mhòr-chuid de dh'Albannaich a bhòt airson fuireachd anns an Aonadh Eòrpach.

Mothaichidh Riaghaltas na Rìoghachd do sin agus cha chuir iad fàilte air.

Oir tha aire na Roinn Eòrpa air na tha tachairt aig an taigh.

Fearg

Air cuairt filmidh don Bruiseil agus do Strasbourg airson Eòrpa fhuair mi cothrom bruidhinn ri buill bho iomadh dùthaich agus farsaingeachd de bheachdan poileataigeach.

Tha beàrn eadar na chanas cuid air a' chamara agus ann an dìomhaireachd, ach thill na dearbh phuingean a-rithist agus a-rithist.

Anns a' chiad dol a-mach tha cò-fhaireachdainn do dh'Alba a-measg buill nan dùthchanan eile agus taic airson na mòr-chuid a bhòt airson fuireachd.

Tha fearg cuideachd le luchd Brexit agus faireachdainn gu bheil an dòigh anns an tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ga ghiùlan fhèin a' dèanamh cron air a' chomas aca aonta a ruighinn.

Air ceist na neo-eisimeileachd, agus ballrachd na h-Alba neo-eisimeiliche anns an Aonadh, nì a' chuid as motha feitheamh gum faicear an toir muinntir na h-Alba taic ri sin ann an reifreann - ma gheibh iad cothrom sin a dhèanamh.

Nan tachradh sin, bruidhnidh iad mun phròiseas de chomhradh a dh'fheumadh a bhith ann.

Fuasgladh

Ach chan abair duine nach bruidhneadh iad idir.

Ged a dh'fheumadh e tachairt, is coltach, bho thaobh a-muigh, is coltach gu bheil deagh rùn anns a' Phàrlamaid Eòrpaich airson na h-Alba agus dùil gum faigheadh fuasgladh air duilgheadas sam bith nam b' e sin a bha muinntir na h-Alba ag iarraidh.

Bidh aire an riaghaltais ann an Dùn Èideann air an iomradh a nì an rùn air 'gnìomhan eadar-amail' nach mair nas fhaide na trì bliadhnaichean.

Bheir sin dòchas dhaibhsan gu faodadh cothrom a bhith ann ballrachd an h-Alba a dhearbhadh às dèidh Brexit ach gun Alba a thoirt a-mach às a' mhargaid singilte.

Tionndaidh aire a-nis don chòmhradh fhèin agus gun ach dà bhliadhna mus fàg Breatainn an t-Aonadh, le aonta no às a aonais.

Ach, às dèidh seo, tha ceist na h-Alba mar phàirt de cheist na Roinn Eòrpa gu lèir.

Thèid prògram sònraichte de dh'Eòrpa air Brexit a chraoladh a-nochd air BBC Alba bho 2030.