Sealladh air eacarsaich chogaidh

  • 5 An Giblean 2017
Cabhlach nan Stàitean Aonaiche Image copyright US Naval Forces Europe-Africa/US 6th Fleet
Image caption Cabhlach nan Stàitean Aonaiche air Chluaidh aig toiseach na h-eacarsaich

'S e eacarsaich 'Joint Warrior'tè de na tachartasan as motha de a lethid son Nato san Roinn Eòrpa agus thathar ga cumail dà thuras sa bhliadhna far chosta na h-Alba.

Bidh seòladairean agus longan-cogaidh bho Chabhlach nan Stàitean Aonaichte son na Roinn Eòrpa-Afraga/an 6mh Cabhlach am measg an fheadhainn a bhios an sas anns an eacarsaich.

Tha iad air dealbhan a sgaoileadh de na soithichean agus na criuthaichean a' ruighinn Faslann air Chluaidh aig toiseach na h-eacarsaich aig toiseach na mìos sa chaidh.

Tha na dealbhan eile a' nochdadh an seòrsa trèanaidh a tha a' dol air adhart, na measg aramachd bheò ga chur an sàs anns a' Pharbh ann an Cataibh.

Cabhlach nan Stàitean Aonaiche air eacarsaich Joint Warrior Image copyright US Naval Forces Europe-Africa/US 6th Fleet
Image caption Bidh feachdan nan Stàitean Aonaichte ag obair còmhla ri feachdan bho dhùthchanan Nato eile a leithid na Gearmailt agus na Frainge.
Cabhlach nan Stàitean Aonaiche air eacarsaich Joint Warrior Image copyright US Naval Forces Europe-Africa/US 6th Fleet
Image caption Tha na h-eacarsaichean gan cumail sa mhuir far chosta na h-Alba.
Cabhlach nan Stàitean Aonaiche air eacarsaich Joint Warrior Image copyright US Naval Forces Europe-Africa/US 6th Fleet
Image caption 'S e an Rioghachd Aonaichte a tha os cionn na h-eacarsaich agus thathar ga cumail gach bliadhna as t-earrach agus as t-fhoghar.
Cabhlach nan Stàitean Aonaiche air eacarsaich Joint Warrior Image copyright US Naval Forces Europe-Africa/US 6th Fleet
Image caption Tha an eacarsaich ag amas air luchd-obrach nam feachdan armaichte ullachadh son sabaid dha-rìribh.
Cabhlach nan Stàitean Aonaiche air eacarsaich Joint Warrior Image copyright US Naval Forces Europe-Africa/US 6th Fleet
Image caption 'S e Joint Warrior tè de na h-eacarsaichean as motha aig Nato anns an Roinn Eòrpa.
Cabhlach nan Stàitean Aonaiche air eacarsaich Joint Warrior Image copyright US Naval Forces Europe-Africa/US 6th Fleet
Image caption Thòisich a' chiad eacarsaich de 2017 air a' mhìos sa chaidh.
Cabhlach nan Stàitean Aonaiche air eacarsaich Joint Warrior Image copyright US Naval Forces Europe-Africa/US 6th Fleet
Image caption Thig an trèanadh gu ceann Diardaoin.
Cabhlach nan Stàitean Aonaiche air eacarsaich Joint Warrior Image copyright US Naval Forces Europe-Africa/US 6th Fleet
Image caption Bidh na Stàitean Aonaichte gu cunbhalach a' cur luchd-obrach, longan-cogaidh agus itealain-cogaidh an sàs anns na h-eacarsaichean.
Cabhlach nan Stàitean Aonaiche air eacarsaich Joint Warrior Image copyright US Naval Forces Europe-Africa/US 6th Fleet
Image caption Tha gunna MK45 5 oirleach ga loisgeadh air bòrd an USS Carney le armachd bheò ga chur an sàs air raon loisgidh a' Phairbh.

Na còraichean uile glèidhte Comandair, US Naval Forces Europe-Africa/US 6th Fleet.