Leasachadh a dhìth son aiseag ùr

  • 5 An Giblean 2017
Tarbert Image copyright Mike Pennington
Image caption Tòisichidh an aiseag ùr an ceann 18 mìos

Chuala sluagh Uibhist a Tuath aig coinneamh phoblach oidhche Chiadain mun ullachadh a tha a dhìth airson an t-soithich ùir a bhios a'seòladh eadar Ùige, an Tairbeart agus Loch na Madadh.

Tha muinntir Uibhist a'cuir fàilte air bàt'-aiseig nas motha ach tha dragh air cuid nach bidh an leasachadh a tha dhìth air a chidhe deiseil mu'n àm a tha am bàta ùr gu bhith a' tòiseachadh a' frithealadh na slighe, an ceann bliadhna gu leth.

Air an Tairbeart Dimàirt, chaidh innse aig coinneamh phoblach, aig nach robh ach ceathrar an làthair, mu na leasachaidhean a tha dhìth air a' phort an sin mus tèid am bàta-aiseag ùr a chur an-sàs.

Thuirt Stiùiriche Chidhichean CMAL, Lorna Spencer, gum biodh iad son pìos a chur ris a chidhe a th'ann an-dràsta agus gum biodh iad a' coimhead air mar a tha luchd-siubhal a' dol air bòrd, agus a' tighinn far a' bhàta.

Tha iad an dùil leasachadh a' dhèanamh air an àite-feithimh agus air far am bidh na carabadan a' cruinneachadh mus tèid iad air bòrd.

Goireasan

Tha CMAL air a bhith ag obair le Caledonian Mac a' Bhruthain; Còmhdhail na h-Alba, Comhairle nan Eilean Siar agus Comhairle na Gàidhealtachd son a dhèanamh cinnteach gu bheil iad ag obair timcheal air uairean nan seirbheisean aiseag.

Thuirt Ms Spencer gun robh iad air obair eile mar seo a dhèanamh agus gu bheil for aca cho cudhtromach 's a tha e nach bi cus maill air seirbhisean sam bith.

Ged a chur muinntir na Hearadh fàilte air an naidheachd gum bi aiseag ùr aca an ceann bliadhna gu leth, thug fear a bha na òsdair san eilean, John Murdo Moireasdan, rabhadh seachad gu feum a' choimhearsnachd a bhith faiceallach nach mìll iad an dearbh rud a tha a' tarraing mòran luchd-turais.

Leasachadh

Tha esan den bheachd gu bheil an àireamh de luchd-turais a' cur cuideam mòr air goireasan san sgìre.

"Tha tràighean na Hearadh brèagha, ach ma tha droch latha ann, càite an tèid iad?

"Chan eil cluasagan gu leòr anns an àite son am barrachd a thighinn...mhìll iad Muile agus mhìll iad an t-Eilean Sgitheanach 's chan eil mi airson 's gun tachair an aon rud an seo.

"Ma thig bàta nas motha, agus ma thig barrachd chàraichean, feumaidh an t-àite a' leasachadh, tha sin cinnteach".