Aon tagraiche às gach triùir boireann

  • 5 An Giblean 2017
Bocsa baileat Image copyright PA

Chan eil ach aon tagraiche às gach triùir boireann anns na taghaidhean comhairle Albannach, a-rèir rannsachaidh bho bhuidhinn iomairt.

Thuirt Women 5050 nach eil ach 775 dha na 2,550 a tha seasamh air 4mh den Chèitean boireann.

Tha a' bhuidheann ag iomairt airson co-ionnannachd a thaobh àireamh thaghraichean boireann is fireann ann an comhairlean agus ann am Pàrlamaid na h-Alba.

Thuirt iad gu robh iad air coimhead air liostaichean thagraichean anns a h-uile uard anns na 32 sgìrean comhairle mar phàirt den sgrùdadh aca.

Lorg iad 21 uardan far nach robh ach fir air na pàipearan baileit - le Comhairle nan Eilean Siar (10%) Arcaibh (20%) agus Moireibh (20%) le na h-àireamhan as lugha de bhoireannaich a' seasamh uile gu lèir.

Chan eil 50% de thagraichean boireann aig pàrtaidh poilitigeach sam bith a bharrachd. Tha na h-Uainich aig 45%, an SNP aig 41%, Lib Deamaich Alba aig 33% agus Pàrtaidh Làbarach na h-Alba air 32%.

Cha robh ach 17% de thagraichean Tòraidheach an Alba boireann agus 18% de thagraichean neo-eisimeileach.

Cuotathan

Thuirt cathraiche Women 5050 Talat Yaqoob nach robh ach cairteal de chomhairlichean an-dràsta boireann - agus gu robh an rannsachadh aca a' dèanamh soilleir "nach ruig sinn riochdachadh cothromach do bhoireannaich ann an 2017".

Tha a' bhuidheann ag iarraidh gun tèid cuotathan a chuir an sàs gus a bhith cinnteach gu feum pàrtaidhean co-dhiù 50% de thagraichean boireann a chuir air adhart anns a' phàrlamaid agus ann an taghaidhean comhairle, agus that iad ag iarraidh reachdas den aon sheòrsa do bhùird phoblach.