Ionnsaigh leusair air criutha Chal Mac

  • 5 An Giblean 2017
Bàt'-aiseig Image copyright Graham Wilson

Chaidh ionnsaigh a thoirt air dà bhàt'-aiseig Chaledonian Mhic a'Bhriuthainn le leusair.

Bha cuideigin ag amas air a' chriutha le solas leusair aig àm chudromach fhad 's bha iad gus ceangal suas aig a' chidhe.

Thachair an dà ionnsaigh ann am Bàgh Wemyss feasgar Dihaoine 31mh den Mhàrt agus Disathairne 1d den Ghiblean.

Tha Poileas Alba agus Caledonian Mac a' Bhriuthainn air càineadh làidir a dhèanamh air na h-ionnsaighean.

Cunnart

Thuirt Stiùiriche Sheirbheisean Chal Mac, Robbie Druimeanach: "A bharrachd air a' chunnart a bh' ann do na criuthaichean againn, tha an dol a-mach seo mì-laghail agus an aghaidh Achd an Loingeis Marsantachd - tha iad cuideachd air an luchd-siubhail a bha air bòrd agus na soithichean fhèin a chur ann an cunnart."

Chaidh fios a chur air na poileis agus air na maoir-chladaich.

Thuirt tè-labhairt aig Poileas Alba: "Tha sinn a' dearbhadh gu bheil sinn a' rannsachadh na cùise seo, a tha gu tur neo-chùramach. Gu fortanach, cha deach duine a ghoirteachadh anns an dà thachartas."

Tha na poileas ag iarraidh air duine sam bith a chunnaic na thachair neo aig a bheil fios mu dheidhinn brath a chur thuca air 101.