Dragh mu Fhèis Leabhraichean is Ealain Inbhir Narann

  • 4 An Giblean 2017
Soidhne Fèis Leabhraichean is Ealain Inbhir Narann
Image caption Tha Fèis Leabhraichean is Ealain Inbhir Narann air a bhith a' dol 'son 14 bliadhna.

Tha dragh ann gum faodadh tè de na fèisean ealain as motha air a' Ghàidhealtachd a dhol à bith is iad air taic-airgid a chall.

Tha Fèis Leabhraichean is Ealain Inbhir Narann ag ràdh gum feum iad na mìltean notaichean a thogail ro thoiseach na h-ath-mhìos ma tha iad a' dol a chumail a' dol.

Tha an fhèis air a bhith a' dol airson 14 bliadhna.

Dh'fhàs an fhèis gu mòr thar nam bliadhnaichean, is Iain Banks, Liz Lochhead is James Kelman am measg na tha air nochdadh.

Tha àite cuideachd air a bhith aig a' Ghàidhlig aig an fhèis.

Brosnachadh Turasachd

Dh'innis cathraiche na fèise, Dàibhidh Godden, nach bi Alba Chruthachail a' toirt seachad taic-airgid dhaibh am-bliadhna.

Thuirt e gum feum iad a-nise £15,000 a thogail eadar seo is deireadh na h-ath-mhìos no cha bhi fèis ann idir am-bliadhna, is gur dòcha gun tèid i à bith buileach glan.

Thuirt Mgr Godden: "Tha an fhèis na phàirt chudromach den eaconamaidh ionadail, a' brosnachadh turasachd san sgìre, agus a' cruthachadh chothroman agus a' toirt taic do bhuidhnean ealain ionadail, luchd-obrach saor-thoileach agus goireasan.

"Bhiodh a' bhuaidh a bhiodh ann nan cailleamaid i gu math dona dhan sgìre."