Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

4 An Giblean 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Tha buidheann de Bhuill-Phàrlamaid ag iarraidh dearbhaidh bhon Riaghaltas air beachd Theresa May gum biodh e na b' fheàrr a bhith às aonais aonta idir air Brexit seach droch aonta leis an EU. Tha a' Chomataidh air Fàgail an EU ag iarraidh air an Riaghaltas dè a' bhuaidh a bheireadh e air malairt nam fàgadh Breatainn gun aonta. Tha am Prìomhaire ag ràdh gu bheil aonta eadar Breatainn agus an t-Aonadh Eòrpach gu buannachd gach taobh.

St Petersburg

Dh'fhàg an Ceann-Suidhe Putin flùraichean faisg air làrach na h-ionnsaigh boma air stèisean metro ann an St Petersburg an-dè. Chaill 14 duine am beatha, agus còrr is 50 a leòn. Tha na h-ùghdarrasan ann an Kyrgystan den bheachd gur e fear a rugadh anns an dùthaich sin, ach a bha a' fuireach anns an Ruis, a rinn an ionnsaigh.

Siria

Tha aithrisean ann gun deach air a' char as lugha 35 duine a mharbhadh ann an ionnsaigh le gas ann an Siria. Tha buidheann faire Bhreatannach ag ràdh gun tug itealan Sirianach no Ruiseannach ionnsaigh le bomaichean air sgìre Idlib ann an ceann an iar-thuath na dùthcha.

Sturgeon

Bidh Nicola Sturgeon a' bruidhinn air àite na h-Alba san t-saoghal aig Oilthigh Stanford ann an California an-diugh. Bidh a' cur dìon air in-imreachd agus malairt shaor aig meadhan a h-òraid. An-dè chuir i a h-ainm ri aonta le Riaghladair Chalifornia gum biodh an stàit agus Alba a' strì còmhla an aghaidh atharrachadh na h-aimsire.

Louise Tiffney

Chuir poilis fios air teaghlach Louise Tiffney, a chaidh a dhìth à Dùn Èideann bho chionn 15 bliadhna, an dèidh dhaibh duslach fhaighinn air taobh sear Labhdainn Là na Sàbaid. Thuirt na Poilis gum faodadh ùine a bhith ann ge-tà, mus tèid aca air dearbhadh cò an duslach a th' ann. Bha fathannan ann nuair a chaidh Louise, a bha 43, a dhìth ann an 2002, gun deach a murt agus, a corp a thiodhlacadh faisg air Longniddry.

Aontaidhean Baile

Thèid beachd mhuinntir na h-Alba iarraidh air a bheil aontaidhean baile agus roinne, den t-seòrsa a fhuair Inbhir Nis agus bailtean eile, a' toirt seachad nam buannachdan eaconamach a tha an Riaghaltas a' sùileachadh. Tha comataidh ann am Pàrlamaid na h-Alba a' tomhas a bheil an taic-airgid dha-rìribh a' dèanamh feum a-muigh anns a' choimhearsnachd.