Oighreachd a' Chrùin - cuin is ciamar?

  • 4 An Giblean 2017
Tràigh Image copyright Catherine Morgan/Geograph
Image caption 'S ann le Oighreachd a' Chrùin, mar eisimpleir, a tha grunnd na mara agus na cladaichean suas gu àirde an làin.

Chan eil ceist ann an tig cumhachdan Oighreachd a' Chrùin air fad sìos gu ìre na coimhearsnachd - ach dìreach cuin is ciamar a thachras e.

Sin a rèir Bhall-Pàrlamaid Albannach nan Eilean Siar, Alasdair Allan.

Chaidh na cumhachdan a ghluasad bho Oighreachd a' Chrùin gu Riaghaltas na h-Alba thairis air an deireadh-sheachdain - is Comhairle nan Eilean Siar a-nise am measg na tha airson a dhol an sàs ann an sgeama pìleat mun ath-cheum.

Tha Alasdair Allan ag ràdh gum faigh daoine cothrom beachd thoirt seachad air mar a bu chòir dhan ghnothach obrachadh.

"Tha ceist ann fhathast ciamar agus cuin a bhios na cumhachdan a' tighinn gu coimhearsnachdan, ach tha mi cinnteach a-nise gu bheil a' cheist seachad am bi iad a' tighinn," thuirt e.

"Bithidh iad a' tighinn ann am foirm, agus 's e a' cheist a th' ann dè seòrsa foirm a tha sin?

"Air sgàth sin bidh sgeamaichean pìleat air an ruith, mar eisimpleir ann an Arcaibh is Sealtainn, agus àitichean - chan eil fhios agam càite - ach àitichean anns na h-Eileanan Siar, airson a bhith a' faighinn a-mach dè tha coimhearsnachdan ag iarraidh, agus ciamar a bhiodh an sgeama ag obair ann an làmhan coimhearsnachd."