Aonta Baile buannachdail?

  • 4 An Giblean 2017
Airgead Image copyright PA

Thèid iarraidh air muinntir na Gàidhealtachd am beachdan a thoirt seachad air a bheil a' bhuannachd eaconamach a tha an Riaghaltas a' sùileachadh a thig bho aontaidhean baile dha-rìribh a' tighinn gu buil.

Tha Comataidh aig Holyrood airson measadh a dhèanamh air a bheil na suimean airgid nan cuideachadh do choimhearsnachdan.

'S e Inbhir Nis am baile as ùire a fhuair aonta a th' air a mhaoineachadh le Riaghaltasan Bhreatainn, na h-Alba agus ùghdarrasan ionadail.

Tha pròiseactan ann an Obar Dheathain agus Glaschu mar-thà air an ruith le airgead a fhuaireadh tro sgeamaichean aonta baile.

Dh'fhaodadh gum faigh Dùn Èideann, Sruighlea agus Dùn Dè aontaidhean coltach riutha san àm ri teachd.

Tha Comataidh nan Coimhearsnachdan agus nan Ùghdarrasan Ionadail aig Holyrood an-dràsta a' coimhead air cho èifeachdach 's a tha na sgeamaichean 's iad ag iarraidh air a' phoball, buidhnean ionadail agus gnìomhachasan am beachd a thoirt seachad mun chùis.

Tha iad airson measadh a dhèanamh air a bheil na h-aontaidhean a' brosnachadh fàs ann an eaconamaidhean ionadail agus a bheil buanachdan rim faicinn a thaobh nithean leithid obraichean agus ghoireasan ùra.