Companaidh Abrach gu bhith a' ruith ionaid spòrs-sneachda am Middlesbrough

  • 3 An Giblean 2017
Planaichean ionad sneachda Mhiddlesbrough Image copyright Cool Runnings (NE)
Image caption Ìomhaigh dealbhachaidh de na goireasan a thathar ag ullachadh ann am Middlesbrough.

Tha a' chompanaidh a tha a' ruith an ionaid sreap deighe as motha san t-saoghal - a tha stèidhichte ann an Loch Abar - air aonta a ruighinn 'son goireas ùr luach £30m a stiùireadh ann an ceann an ear-thuath Shasainn.

A bharrachd air an ionad sreap ann an Ceann Loch Lìobhann, tha a' Bhuidheann Ice Factor cuideachd a' ruith ionad spòrs-sneachda ann an Glaschu.

Tha an t-ùghdarras ionadail ann am Middlehaven, ann am Middlesbrough air cead a thoirt don chompanadh Ice Factor na goireasan spòrs ùra, luach nam milleannan notaichean a ruith.

Image copyright Jeff Holmes Photography
Image caption Tha Buidheann Ice Factor Group a' ruith ionad spòrs-sneachda a-staigh faisg air Glaschu.

Tha a' chompanaidh leasachaidh 'Cool Runnings' an dùil gum bi an t-ionad a' tàladh mu 2,000,000 neach gach bliadhna agus thèid còrr is 300 obair a chruthachadh an lùib na sgeama.

Tha an cùmhnant seo a' ciallachadh gur e seo a' chiad turas a bhios an Ice Factor - a chaidh a stèidheachadh ann an Ceann Loch Lìobhann ann an 2003, a' ruith ionaid taobh a-muigh Alba.

Image copyright Cool Running NE
Image caption Chaidh cead a thoirt do na planaichean le comhairlichean an t-seachdain sa chaidh.

Agus dh'fhaodadh seo a bhith luach timcheall air £5m a bharrachd dhaibh gach bliadhna.

Am measg nan goireasan a bhios stèidhichte anns an ionad, bidh raon-sgìthidh de chòrr is 500 troigh de dh'fhaide ann, balla-sreap, bùithdean agus ionadan bìdh.

Bidh obair togail a' tòiseachadh an ath-bhliadhna 's dùil gum bi an t-ionad a' fosgladh as t-Samhradh 2019.

Tuilleadh air an sgeulachd seo