Àireamh as ìsle mhaoimean-sneachda an Alba an 10 bliadhna

  • 3 An Giblean 2017
Gearran-bàna, Beanntan a' Mhonaidh Ruaidh, 27mh den Fhaoilleach. Image copyright SAIS Southern Cairngorms
Image caption Gearran-bàna ann an cota a' gGeamhraidh air sliabh gun sneachda am Beanntan a' Mhonaidh Ruaidh, 27mh den Fhaoilleach.

Tha Seirbheis Fiosrachaidh Mhaoimean-sneachda na h-Alba air an obair aca a thoirt gu crìch son a' Gheamhraidh seo, 's iad ag ràdh gu bheil an àireamh de mhaoimean-sneachda aig an ìre as ìsle 'son faisg air 10 bliadhna.

Thachair 83 maoimean-sneachda eadar an Dùbhlachd an-uiridh agus a' mhìos seo, a rèir nam figearan aig a' bhuidhinn.

Thèid na figearan oifigeil a dhearbhadh nuair a dh'fhoillsicheas iad an aithisg bhliadhnail aca an ceann beagan mhìosan.

Air an t-seasan seo chaidh bha 207 maoimean-sneachda ann, 305 ann an 2014-15, 350 ann an 2013-14, 129 ann an 2012-13, 154 ann an 2011-12, 178 ann an 2010-11 agus 220 ann an 2009-10.

Image copyright SAIS Southern Cairngorms
Image caption Là nas geamhradail am Beanntan a' Mhonaidh Ruaidh, 29mh den Fhaoilleach.

Sìde bhlàth

Tha an t-Seirbheis Fiosrachadh a' clàradh an dà chuid, maoimean-sneachda a tha a' tachairt gu nàdarra - nuair a thuiteas barramhais, air neo nuair a thèid maoim-sneachda adhbhrachadh le luchd-coiseachd neo sreapadairean neo a dh'aona-ghnothach le freacadain-sneachda 'son raointean-sgìthidh a dhèanamh sàbhailte.

Tha a' bhuidheann an urra ri sia sgìrean - Loch Abar, Gleann Comhann, dà sgìre ann am Beanntan a' Mhonaidh Ruaidh, Creag Meagaidh agus Toirbheartan.

Thairis air a' Gheamhradh a chaidh seachad tha sìde fhuar agus sneachda trom air a bhith ann ach cuideachd sìde bhlàth agus gaoth mhòr a bhios a' sguabadh na th' ann de sneachda far nam beanntan.

Tha obair na seirbheis air tighinn gu ceann airson an t-seusain seo.

Image copyright SAIS Southern Cairngorms
Image caption Leacan sneachda air a bheil 'barramhaisean' os cionn Lochain na Gàire, 27 den Ghearran.

Cunnart

Ach thuirt iad gun lean iad orra a' cumail sùil air an t-sìde agus ìrean de shneachda suas gu làithean-saora na Càisge.

Thuirt a' bhuidheann gu bheil iad: "a' moladh do dhaoine a bhios a' dol a-mach air na beanntan cumail orra a' toirt sùil air fiosrachadh mun aimsir mus tèid iad a-mach air chuairt, agus sùil gheur a chumail air staid nam beann nuair a tha iad air a' mhonadh."

"Tha am fiosrachadh seo riatanach 'son planaichean dòigheil a dhèanamh agus a' toirt sùbailteach do na planaichean aca fhad 's a tha iad a-muigh air na beanntan."

Agus thug iad rabhadh seachad gum faodadh sneachda a bhith ann fhathast agus gum faodadh sin a bhith na chunnart air Beanntan a' Mhonaidh Ruaidh, Beinn Nibheis agus air an Aonach Mhòr.