Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

3 An Giblean 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ineos

Tha a' chompanaidh Ineos a' gabhail smachd air siostam pìob-ola Forties le aonta anns a bheil luach $250m. Tha a' phìob a' ceangal 85 ionad-ola agus gas anns a' Chuan a Tuath ri Tìr-Mòr, agus làrach Ineos ann an Inbhir Ghràinnse. Tha seo a' ciallachadh gum bi Ineos a' làimhseachadh cha mhòr 40% de dh'ola agus gas Bhreatainn a tha a' tighinn às a' Chuan a Tuath.

Gibraltar

Thuirt ministear chùisean cèine na Spàinne, Alfonso Dastis, gu bheil beachdan Bhreatainn air Gibraltar a' cur iongnadh air. Thuirt an t-Aonadh Eòrpach an t-seachdain seo chaidh gum faodadh facal a bhith aig Madrid ann an co-dhùnadh sam bith mu Ghibraltar mar phàirt den aonta fo am fàg Breatainn an EU. Thuirt Rùnaire Cèin Bhreatainn, Boris Johnson, an-diugh a-rithist ro choinneimh nam Ministearan Cèine ann an Lucsamburg, nach bi barganachadh sam bith ann air uachdranas Gibraltar.

Coirea a Tuath

Thuirt an Ceann-Suidhe Trump gun dèilig esan ris a' chunnart niuclasach bho Choirea a Tuath. Thuirt an Ceann-Suidhe ann an agallamh leis a' Financial Times, gu bheil na Stàitean Aonaichte deònach gluasad leotha fhèin, mura dèan Sìona dad. Tha beachdan Mhgr Trump a' tighinn goirid mus tadhail Ceann-Suidhe Shìona air na Stàitean Aonaichte an t-seachdain seo.

Stormont

Tha cuairt eile de chòmhraidhean a' tòiseachadh ann an Èirinn a Tuath an-diugh airson fèin-riaghladh a stèidheachadh a-rithist. Dh'fhailich air an dà phrìomh phàrtaidh, Sinn Féin agus an DUP, tighinn gu aonta ron cheann-là a bh' ann an t-seachdain seo chaidh.

Coimisean an Fhearainn

Thòisich Coimisean Fearainn na h-Alba air an obair gu h-oifigeil an-diugh. Chaidh an Coimisean, a tha stèidhichte ann an Inbhir Nis, a chur air bhonn le Achd Ath-Leasachaidh an Fhearainn (2016), agus bidh sianar choimiseanairean a' sgrùdadh lagh agus poileasaidh an fhearainn agus a' dèanamh mholaidhean do Riaghaltas na h-Alba.

Fiaclaireachd Loch Baghasdail

Tha Comhairle Coimhearsnachd Loch Baghasdail ag ràdh gum bi strì ann airson ionad fiaclaireachd a' chumail anns an sgìre, agus NHS nan Eilean Siar ag ràdh gun dùin an t-ionad ann an Loch Baghasdail an ath-sheachdain. Tha Bòrd Slàinte nan Eilean Siar a' moladh ionadan Loch Baghasdail, Lìonacleit agus Loch nam Madadh a dhùnadh, agus na seirbheisean sin a chur gu Ospadal Uibhist is Bharraigh. Dh'innis iad an t-seachdain seo chaidh gum feum ionad Loch Baghasdail dùnadh air adhbharan sàbhailteachd.