Oidhirpean smachd air fèidh air fàiligeadh

  • 3 An Giblean 2017
Fèidh

Chan eil smachd ceart ga chumail air àireamh nam fiadh ann an Alba, a rèir Comataidh na h-Àrainneachd ann an Holyrood.

Thathas a' dèanamh càineadh air Dualchas Nàdair na h-Alba (SNH), nach tug iad stiùireadh seachad mu mar a bu chòir smachd a chumail air na fèidh, a rèir na comataidh.

Thathas a' gabhail ris, san fharsainneachd, gum feumar àireamh nam fiadh ann an Alba a chumail sìos, leis gun dèan cus dhiubh milleadh air an àrainneachd.

Tha oidhirpean gus smachd fhaighinn orra air fàiligeadh ge-tà.

Tha àireamh nam fiadh air a bhith a' tuiteam, ach a rèir aithisg na comataidh chan eil an àireamh ìosail gu leòr, 's iad a' coireachadh SNH.

'S iad buidhnean riaghlaidh nam fiadh a tha a' feuchainn ri smachd fhaighinn air na h-àireamhan, 's tha a' chomataidh aig holyrood ag ràdh nach eil an dàrna cuid dhiubh sin a' coileanadh an cuid dhleastanasan agus nach eil SNH air stiùireadh freagarrach a thoirt seachad.

Thathas airson 's gum bi fòcas a bharrachd ann, a thuilleadh air cabhag, ann a bhith a' dèiligeadh ri àireamh nam fiadh an Alba.