Strì fiaclaireachd Loch Baghasdail

  • 3 An Giblean 2017
Fiaclaireachd Image copyright PA

Tha coltas ann gun dèan daoine ann an Uibhist a Deas strì an aghaidh phlanaichean airson ionad fiaclaireachd Loch Baghasdail a dhùnadh.

Thuirt NHS nan Eilean Siar an t-seachdain seo chaidh nach robh roghainn aca ach a dhùnadh air adhbharan sàbhailteachd, agus an t-ionad ann an droch staid.

Tha iad an dùil a dhùnadh aig deireadh na seachdain seo tighinn.

Tha a' bhuidheann a' moladh ionadan Loch Baghasdail, Lìonacleit agus Loch nam Madadh a dhùnadh, agus na seirbheisean sin a chur gu Ospadal Uibhist is Bharraigh.

Ach bha muinntir an àite co-dhiù an aghaidh phlanaichean gus seirbheisean fiaclaireachd ann an Uibhist agus Beinn nam Fadhla uile a thoirt còmhla air an aon làrach, agus thuirt Aonghas Dòmhnallach bho Chomhairle Choimhearsnachd Loch Baghasdail gun dèanadh iad strì seirbheisean fiaclaireachd a chumail san sgìre aca.

Dh'iarrainn air a h-uile duine brath a chur chun a' BhPA agus chun a' BhP aca, agus tha mi an dòchas gun tig an Riaghaltas mun cuairt agus gun iarr iad a-staigh an co-dhùnadh dhan tàinig iad," thuirt e.

"Agus ma dh'fhaoidte gun tionndaidheadh iadsan an gnothach mun cuairt.

"Ach tha sinne a' dol a chumail an lagha riutha gus am faigh sinn a-mach le cinnt ciamar nach gabh e cumail a' dol air a' cheann seo," thuirt e.