Coimisean Fearainn air tòiseachadh

  • 3 An Giblean 2017
Fearann

Tha Coimisean ùr Fearann na h-Alba air tòiseachadh air an obair aca gu h-oifigeil.

Chaidh an coimisean a chur air bhonn gus measadh a dhèanamh air laghan agus poileasaidhean fearainn, agus airson molaidhean a chur mu choinneimh an Riaghaltais a thaobh leasachaidh.

Tha sianar choimiseanaran sa bhuidhinn, à diofar sgìrean agus le measgachadh de eòlas, agus tha iad stèidhichte ann an Taigh an Longman ann an Inbhir Nis.

Am measg eile, bidh aca ri coimhead air targaid an Riaghaltais gus millean àcair fhaighinn ann an làmhan na coimhearsnachd ro 2020.

"Tha tòrr obrach againn, agus tha plana corporra againn an-dràsta, ach 's e dìreach plana eadar-amail a th' ann," thuirt an t-Oll. Sally Reynolds, tè de na coimiseanairean.

"Agus tha sinn an-dràsta ag obair airson plana airson nan trì bliadhnaichean ri tighinn.

"Ach bidh sinn a' tòiseachadh le pàipearan sgrùdaidh airson diofar chuspairean mar fearann.

"'S dòcha fearann nach eil le aon duine no le aon bhuidhinn, agus gu math tric an-diugh tha iad air a leigeil seachad, 's dòcha àiteachan anns an robh gnìomhachas uaireigin, agus an-diugh tha an talamh air a dhol truagh.

"So tha tòrr obrach ri dhèanamh, chan e dìreach mu dheidhinn a' mhillean àcair, ach tha tòrr obrach eile ri dhèanamh," thuirt i.