Oighreachd Thulchain ga ceannach 'son còrr is £25m

  • 31 Am Màrt 2017
Fiadh Image copyright Getty Images

Cheannaich fear a rinn fhortan ann an gnìomhachas a' bhodga san Ruis oighreachd seilge air a' Ghàidhealtachd 'son còrr is £25m.

Tha Tulchan ann an Srath Spè air oir Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh.

Tha còrr is 20,000 acair fearainn san oighreachd, is loidse mòr a chaidh a thogail tràth san 20mh Linn.

'S ann le Yuri Schefler a tha companaidh mhòr Stolichnaya Vodka.

A rèir choltais, tha beartas £1.34bn aig Mgr Schefler.

Cheannaich e Stolichnaya Vodka bhon stàit ann an 1997, aonta a chaidh dha na cùirtean air a' cheann thall.

'S e Oighreachd Thulchain tè de na h-oighreachdan as cosgaile a chaidh a reic a-riamh ann an Alba.