Tuilleadh charbadan-eiridinn do Ghallaibh

  • 31 Am Màrt 2017
Carbad-eiridinn

Thig àrdachadh san àireamh charbadan eiridinn ann an Gallaibh, is sgrùdadh air sealltainn gu bheil barrachd euslainteach a' siubhal gu Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis.

Na bu tràithe air a' mhìos seo, chuir bhuill an aonaidh Unite taic ri moladh a dhol an sàs ann an gearan gu foirmeil le Seirbheis Charbad-Eiridinn na h-Alba (SCE).

Thuirt neach labhairt bhon SCE gun tig fiosrachadh mun chosgais nuair a thèid tuilleadh rannsachaidh a dhèanamh.

Thuirt an SCE agus NHS na Gàidhealtachd gun tèid làn-fiosrachadh mun in-ionmhas seo agus mu na bhiodh na lùib de mhaoineachadh fhathast.

Thuirt àrd-stiùiriche SCE, Pauline Howie: "Tha sinn fìor-thoilichte gu bheil sinn air an in-ionmhais shusbainnteach seo aontachadh le NHS na Gàidhealtachd gus na goireasan againn ann an Gallaibh a mheudachadh agus cuideachadh a thoirt do dh'euslaintich cothrom fhaighinn air cùram den ìre as àirde.

"Tha am maoineachadh seo a' cur ri in-ionmhas nas fharsainne air feadh cheann a tuath na h-Alba, mar fhreagairt air mar a tha feumalachdan euslainteach ag atharrachadh, agus cothrom air lìbhrigeadh nas speisealta air seirbheisean slàinte.

"Le bhith ag obair còmhla ris an luchd-obrach againn, compàirtichean coimhearsanchd agus NHS na Gàidhealtachd, dh'aithnich sinn feum air tuilleadh ghoireasan carbaid-eiridinn ann an Gallaibh, gu h-àraid gus dèiligeadh ri mar a tha barrachd is barrachd euslainteach gan cur a dh'Ospadal an Ràthaig Mhòir.

"Foillsichidh sinn cunntas mionaideach air na goireasan an dèidh dhuinn tuilleadh obrach a dhèanamh leis an luchd-obrach agus ar compàirtichean, agus bu mhath leinn taing a thoirt do NHS na Gàidhealtachd airson an cuid taic gus an aonta seo a ruighinn."

Thuirt àrd-stiùiriche NHS na Gàidhealtachd, Elaine Mead: "Fàgaidh am maoineachadh a bharrachd gun tèid aig muinntir Ghallaibh air cùram speisealach fhaighinn ann an Ospadal an Ràthaig Mhòir nuair a tha e a dhìth orra, fhad 's a nì e cinnteach gum bi carbadan-eiridinn gu leòr anns an sgìre.

"Tha e gu math cudromach gun dèan sinn am feum as fheàrr den ghoireas a tha seo, agus tha mi a' cur fàilte air na tha luchd-obrach agus compàitichean ionadail air a chur ri bhith a' toirt seo air adhart."