Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

31 Am Màrt 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Referendum

Nì Nicola Sturgeon iarrtas oifigeil an-diugh airson cumhachd referendum eile a chumail air neo-eisimeileachd do dh'Alba. Thug Pàrlamaid na h-Alba an cead dhi Dimàirt sin a dhèanamh. Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' sìor ràdh ge-tà, nach bi referendum ann gus am bi pròiseas Brexit seachad.

Brexit

'S tha coltas ann gu bheil an t-Aonadh Eòrpach a' diùltadh aon de na prìomh rudan a tha Breatainn ag iarraidh ann an còmhraidhean Brexit, sin gum biodh deasbad air aonta airson falbh às an EU, agus aonta air malairt a' dol air adhart aig an aon àm. Tha am plana a dh'fhoillsich Ceann-Suidhe na Comhairle Eòrpaich, Dòmhnall Tusk, an-diugh ag ràdh gum feum a' chiad earrainn de na còmhraidhean dèiligeadh ris na cùmhnantan fo am fàg Breatainn an EU, agus nach gluais na còmhraidhean air adhart gus an tachair sin.

Droch-dhìol chloinne

Dh'iarr an rannsachadh mu dhroch-dhìol chloinne an Alba air daoine tighinn air adhart ma tha iad airson fianais a thoirt dhan chiad earrainn de na h-èisteachdan poblach. Tòisichidh iad sin aig deireadh a' Chèitein, agus cluinnidh iad bho bhuidhnean a tha a' riochdachadh dhaoine a dh'fhulaing bho bhuidhnean cùraim agus bho bhuidhnean creidimh.

Oighreachd nam Bàgh

Thuirt a' bhuidheann choimhearsnachd a tha a' feuchainn ri Oighreachd nam Bàgh anns na Hearadh a cheannach gun do rinn iad adhartas. Tha iad ag ràdh gu bheil a' mhòr-chuid den fhiosrachadh a tha a dhìth aca a-niste, agus gun tèid aithisg le sin a chur mu choinneimh an t-sluaigh, agus gum bi bhòt ann air sin ro dheireadh na bliadhna.

Tinneas Lyme

Chaidh iomairt a chur air bhonn ann an Uibhist an-raoir airson fiosrachadh a thoirt do dhaoine mun tinneas Lymes. Le còrr agus 160 duine ann an ceithir bliadhna ann an Uibhist a' togail an tinneis bho ghartain tha an àireamh fada nas motha na th' anns a' chòrr de na h-Eileanan an Iar.