Iomairt fiosrachaidh Lymes an Uibhist

  • 31 Am Màrt 2017
Gartan

Chaidh iomairt shònraichte a chur air bhonn ann an Uibhist oidhche Ardaoin airson fiosrachadh a sgaoileadh mun chunnart a th' ann bho thinneas Lyme.

Tha an tinneas ga sgaoileadh leis a' ghartan, agus tha dùil gu bheil e gu math nas cumanta ann an Uibhist na tha e ann an àiteachan eile.

Tha an tinneas air màthair Kevin Walker, agus tha esan ag ràdh gun dèan an iomairt feum.

"Nuair a fhuair sinn dearbhadh gur e Lymes a bh' air mo mhàthair, cha robh mòran eòlais againn air Lymes fhèin no dè b' urrainn dhuinne a bhith a' dèanamh nuair a bhiodh sinn a' coiseachd sna beanntan," thuirt e.

Neart

"Bha e math dhomh fhìn. Chan eil Lymes orm fhìn. Bha e math fiosrachadh mar sin fhaighinn airson dè dh'fhaodainn fhìn a dhèanamh 'son mi fhìn a chuideachadh.

"Ann an Uibhist fhèin tha e cho pailt, agus tha gartain cho pailt.

"Ma thèid thu a choiseachd dhan bheinn, bidh deagh sheansa ann gun tig gartan ort 's gum bi Lymes anns a' ghartan a tha sin.

"Chan eil mi airson 's gum faigh mi fhìn no duine sam bith eile san teaghlach Lymes.

"A thaobh 's gu bheil e air mo mhàthair tha fhios againn dè nì e 's dè cho dona 's a bhios e.

"Tha mi a' smaointinn gu bheil iomairtean mar seo glè chudromach, dìreach a thaobh 's gum bi fiosrachadh aig daoine anns a' choimhearsnachd mu dheidhin Lymes, agus dè dh'fhaodadh iad fhèin a dhèanamh airson a sheachnadh, agus na gartain a sheachnadh.

"Tha Lymes air buaidh mhòr a thoirt air beatha mo mhàthar. Tha an druim aice goirt fad an t-siubhail cha mhòr.

"Cha bhi i a' faighinn cadail tron oidhche.

Glè chudromach

"Tha e doirbh dhi cuimhneachadh air rudan, agus cuideachd tha e mar gum biodh na smuaintean aice caran slaodach uaireannan.

"Nuair a bhios i ag obair feumaidh i an neart a bhith aice airson na h-obrach a tha i a' dèanamh, agus ma tha i sgìth no, ma tha i a' faireachdainn caran bochd air an là ud, tha e doirbh d' obair a dhèanamh, 's dìreach a bhith a' faireachdainn nach eil an neart agad.

"Tha làithean ann nach eil i a' faireachdainn gu bheil an neart aice faighinn às an leabaidh - ach feumaidh i sin a dhèanamh 's a dhol a dh'obair.

"Tha e doirbh sin fhaicinn nad mhàthair 's tu eòlach oirre dìreach a bhith a' ruith an teaghlaich.

"'S e rud glè chudromach a th' ann seo a dhèanamh, agus dìreach fiosrachadh fhaighinn air dè th' ann an Lymes, agus - ma gheibh thu Lymes - dè tha a' tighinn leis?

"Chan eil mòran ann a nì iad nuair a tha Lymes ort, 's mar sin tha e glè chudromach nach fhaigh thu Lymes, agus mar sin gun toir thu an uallach ort fhèin rudan a dhèanamh gus stad a chur air na gartain," thuirt e.