Cùmhnantan riochdachaidh ùra MG ALBA

  • 31 Am Màrt 2017
MG ALBA

Dh'fhoillsich MG ALBA, a tha a' ruith BBC ALBA ann an co-bhanntachd leis a' BhBC, prìomh chùmhnantan riochdachaidh na seanail airson nan ceithir bliadhna air thoiseach.

Cruthaichidh seachd companaidhean riochdachaidh prògraman dhan t-seanail.

Nam measg bidh prògraman ciùil, cloinne, aithriseach agus spòrs.

Chaidh cùmhnantan a thoirt do chompanaidhean stèidhichte air feadh Alba, ann an Steòrnabhagh, Obar Dheathain agus Glaschu.

Spòrs

Chaidh aonta trì bliadhna airson spòrs air BBC ALBA a ruighinn le Nemeton Scotland Ltd a chaidh a stèidheachadh leis a chompanaidh Èireannaich Nemeton TV.

Tha Nemeton TV air a bhith a' lìbhrigeadh spòrs chun a' chraoladair Èireannaich TG4 bho 1996, a thuilleadh air RTÉ, TV3 agus Setanta Sports.

Bidh Nemeton Scotland a fastadh dhaoine a tha ag obair do mneTV, 's cùmhnant na companaidh sin airson spòrs air an t-seanail a' tighinn gu crìch.

Thuirt Àrd-Oifigear MG ALBA, Dòmhnall Caimbeul, gu bheil na co-dhùnaidhean seo nam bun-stèidh do leasachadh air BBC ALBA san àm ri teachd.

Chuir Mgr Caimbeul cuideachd fàilte air a' chàirdeas ùr le Nemeton Scotland Ltd.

"Feumaidh prògraman BBC ALBA a bhith air leth agus tha an càirdeas-obrach ùr seo airson spòrs a' cruthachadh chothroman airson barrachd cho-obrachaidh le Èirinn.

"Tha sinn air ar dòigh glan a bhith a' neartachadh ar dàimhean leis na gnìomhachasan cruthachail," thuirt e.

Cothrom

Thuirt Irial Mac Murchú, Ceannard Nemeton TV, gu bheil iad gu math toilichte gun do ghlèidh iad an cùmhnant seo.

"Tha a bhith a' riochdachadh spòrs airson BBC ALBA ann an Alba na chothrom ris a bheil sinn a' coimhead air adhart gu mòr.

"Tha an càirdeas ùr seo a' neartachadh tòrr de na meuran cruthachail a tha eadar Èirinn agus Alba - cànan, spòrs agus telebhisean," thuirt e.

Thuirt Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Iain Swinney, aig a bheil uallach airson na Gàidhlig, gu bheil e toilichte mun dòigh sa bheil MG ALBA ag obair le companaidhean riochdachaidh neo-eisimeileach ann an Alba.

"Nì na h-aontaidhean seo cinnteach, chan e a-mhàin gum bi prògraman aig àrd-ìre air BBC ALBA, ach gum bi buannachdan eaconamach agus obrach ann airson ghnìomhachasan cruthachail na h-Alba, craoladh agus Gàidhlig," thuirt e.