Teagamh mu structar ùr HIE

  • 31 Am Màrt 2017
Campas Inbhir Nis Image copyright Handout

Chaidh teagamhan a thogail mu structar stiùiridh ùr Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean le tè de dh'ùghdaran leabhair ùir mun bhuidhinn.

Thuirt Magaidh Choineagan gum bu chòir barrachd cho-dhùnaidhean a bhith air an dèanamh aig ìre coimhearsnachd, 's nach robh bòrd nàiseanta ùr a dèanamh ciall.

Dhearbh Riaghaltas na h-Alba Diardaoin gun tèid bòrd-stiùiridh ionadail HIE a chumail, ach gum bidh bòrd nàiseanta ùr os a chionn.

Thuirt Rùnaire na h-Eaconamaidh Dùthchail, Cè MacilleDhuinn, gun cuir an structar ùr gu mòr ris an t-seirbheis a tha HIE a' tabhainn.

Teagamh

A' bruidhinn 's i foillseachadh an leabhair, "On Scotland's Conscience", thuirt Magaidh Choineagan gu bheil eadar-dhealachadh mòr eadar na bailtean mòra agus coimhearsnachdan iomallach.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil an sgaradh cho mòr eadar baile mar Inbhir Nis agus na h-àitichean as iomallaiche air a' Ghàidhealtachd.

"Chan eil na poileasaidhean a tha freagarrach do dh'Inbhir Nis, freagarrach dha na h-àitichean as iomallaiche.

"Chan eil càil air atharrachadh ach gu bheil buidheann ùr ga stèidheachadh os cionn a' bhùird a th' ann mar-thà, agus chan eil mi a' tuigsinn dè seòrsa ciall a th' aige sin.

"Oir mar a tha mise a' faicinn an t-saoghail an-diugh, tha mi a' smaoineachadh gur ann a dhol dha na coimhearsnachdan, agus gur e sturctaran aig ìre gu math ìosail a dh'fheumas tu a chur air dòigh airson gun tig na coimhearsnachdan sin air adhart, gun tèid am brosnachadh agus gum bi iad buan," thuirt i.

Tuilleadh air an sgeulachd seo