Adhartas le Oighreachd nam Bàgh

  • 31 Am Màrt 2017
Na Bàigh Image copyright Mike Pennington/Geograph

Dhearbh a' bhuidheann coimhearsnachd a tha a' feuchainn ri Oighreachd nam Bàgh anns Na Hearadh a cheannach gu bheil iad a dèanamh adhartais nan iomairt.

Thuirt iad gu bheil iad air a' chuid mhòr den fhiosrachadh a tha a' dhìth orra a chruinneachadh.

Bidh a' bhuidheann a' sgaoileadh aithisg gu muinntir na sgìre a dh'aithghearr.

Thèid an uairsin bhòt a chumail air an planaichean agus dh'fhaodadh gun tachair sin an ath-bhliadhna.

Fiosrachadh

A' bruidhinn air Aithris na Maidne dh'innis Iain MacLeòid, a tha mar phàirt den iomairt, mu na ceumannan a tha iad air a ghabhail.

"Tha còrr 's ceithir bliadhna ann bhon a thòisich sinn a' dèanamh rannsachaidh air an oighreachd a cheannach.

"Mar sin tha e air toirt nas fhaide na bha dùil againn, ach tha sinn a-niste air adhartas a dhèanamh agus air faighinn a-mach mun fhiosrachadh a tha a dhìth oirnn.

"Mar a tha sinne air an oighreachd seo tha ceithir uachdarain againn, 's mar sin dh'fheumadh a h-uile duine aca a thighinn còmhla mus tigeadh iad air ais thugainne le fiosrachadh agus 's e sin an dàil mhòr a bh' ann.

"Tha sinn a-niste a' tighinn gu àm far a bheil am fiosrachadh a' tighinn thugainn agus gu bheil sinn an dùil ann an dhà no thrì mìosan am fiosrachadh a thoirt don t-sluagh, 's gum faod a' bhòt a bhith ann an uairsin."

Bhòt

Thuirt Mgr MacLeòid cuideachd gu bheil iad an dùil fios a bhith aca mu na chosgas an oighreachd ann an seachdain no dhà.

Mhìnich e cuideachd gum bi an co-dhùnadh mun chùis gu tur an urra ri muinntir an àite.

"'S e an sluagh a nì an co-dhùnadh mu dheireadh mu a bheil iad ag iarraidh an oighreachd a cheannach no nach eil.

"Tha an sgìre mòr. Tha na Bàigh fhèin ann, tha an Taobh Tuath ann, agus tha eilean Bheàrnaraigh ann.

"Tha sinn misneachail ge-tà, gun gabh rudan a dhèanamh agus gun dèan e feum dhan choimhearsnachd," thuirt e.