Bòrd-Stiùiridh ionadail HIE ga ghlèidheadh

  • 30 Am Màrt 2017
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Dearbhadh nach tèid cuir às do bhòrd stiùiridh ionadail HIE

Thèid bòrd-stiùiridh ionadail Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE) a chumail, ach bithidh bòrd nàiseanta ùr os a chionn.

Chaidh an naidheachd a thoirt do Phàrlamaid na h-Alba le Rùnaire na h-Eaconamaidh aig Riaghatlas na h-Alba, Cè MacIlleDhuinn, feasgar Diardaoin.

Tha an Riaghaltas air a bhith a' dèanamh ath-sgrùdaidh air HIE, a thuilleadh air buidhnean iomairt agus sgilean eile na h-Alba.

Mhol an t-ath-sgrùdadh sin gun deadh aon bhòrd-stiùiridh ùr nàiseanta a chur os cionn nam buidhnean air fad, 's gun deadh cur às do bhòrd-stiùiridh HIE fhèin.

Lèirsinn

Bha sin na adhbhar connspaid ge-tà, agus chaill an Riaghaltas bhòt air a' chùis anns a' Phàrlamaid.

Thuirt Cèith MacIlleDhuinn gun robh e air èisteachd ri molaidhean cheannard HIE, an t-Oll. Lorne Crerar.

"Cuideachd gu sònraichte, tha mi air èisteachd ris a' Phàrlamaid seo," thuirt e.

"Mar sin, tha mi a' dearbhadh an-diugh gu tèid bùird HIE, an SFC agus nam buidhnean eile a chumail, ach thathas an dùil gu mòr gun obraich na buidhnean gus an obair aca a tharraing còmhla gus a' bhuanachd as fheàrr a thoirt don eaconamaidh.

"Mar a tha mi air a ràdh roimhe, bidh HIE fhathast stèidhichte air Ghàidhealtachd, agus air a stiùireadh air a' Ghàidhealtachd.

"Cuiridh an structar ùr gu mòr ris an t-seirbheis shònraichte aca, a thuilleadh air a bhith ga dìon.

"Mar a chaidh a mholadh ann an aithisg an Oll. Crerar, bidh mi gu follaiseach ag iarraidh obrachadh gus obair nam bòrd a leasachadh, còmhla ris na bùird iad fhèin a rèir a' bhun-stèidh reachdail a th' aca an-dràsta, gus dèanamh cinnteach gun urrainn dhaibh obrachadh còmhla gu h-èifeachdach gus adhbhar a' bhùird ro-innleachdail nàiseanta a lìbhrigeadh, agus gus ar lèirsinn fharsainn a choileanadh," thuirt e.

Thuirt BPA Làbarach na Gàidhealtachd, Rhoda Ghrannd, nach robh feum sam bith ann am bòrd-stiùiridh gun ùghdarras.

"Fhad 's a chuirear fàilte air bòrd-stiùiridh ionadail HIE a bhith air a ghlèidheadh, chan eil feum sam bith ann am bòrd gun chumhachd," thuirt i.

"'S e as motha a tha a' cur dragh ormsa mu na thuirt Rùnaire a' Chaibineit, far an tuirt e "gun obraich na buidhnean gus an cuid obrach a tharraing còmhla" agus gun "lìbhrig iad adhbhar a' bhùird ro-innleachdail nàiseanta gus ar lèirsinn fharsainn a choileanadh".

"Ma dh'fheumas iad tighinn a-rèir plana lìbhrigidh, adhbhar agus lèirsinn a th' ann airson Alba air fad, ciamar a tha sin a' ceadachadh gum bi iad cunntachail gu h-ionadail," thuirt i.

Tuilleadh air an sgeulachd seo