Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

30 Am Màrt 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Chaidh Rùnaire Bhrexit, Dàibhidh Davis, às àicheadh gu bheil an Riaghaltas a' maoidheadh air an Aonadh Eòrpach le bhith a' ceangal tèarainteachd ri aonta air malairt. Tha dùthchannan eile san EU a' fàgail air Theresa May gu bheil i ri màl dubh le bhith ag ràdh gum faodadh nas lugha de cho-obrachadh a bhith ann air gnothaichean mar eucoir agus ceannairc, mura faigh Breatainn an aonta a tha i ag iarraidh. Agus thuirt Dàibhidh Davis cuideachd gu bheil dleastanas moralta air an dà thaobh tighinn gu aonta mu shìobhaltaich an EU a tha a' fuireach ann am Breatainn, agus Breatannaich a tha a' còmhnaidh ann an dùthchannan eile an Aonaidh, agus gur e sin a' chiad rud a bu chòir a bhith air a' chlàr-ghnothaich anns na còmhraidhean.

Lloyds of London

Tha a' chompanaidh àrachais, Lloyds à Lunnainn a' gluasad chùisean obrach an EU aca dhan Bhruiseil gus am bi àite aca fhathast anns an Aonadh Eòrpach an dèidh Brexit. Thuirt àrd-oifigeach na companaidh gur ann an Lunnainn fhathast a bhios a' mhòr-chuid den luchd-obrach aca.

Heileacoptair

Chaidh seirbheisean èiginn a-mach a-rithist an-diugh a choimhead airson heileacoptair phrìobhaidich le còignear oirre a chaidh às an t-sealladh ann an ceann a tuath na Cuimrigh an-dè. Tha e coltach gun robh an heileacoptair eadar Milton Keynes an ceann a deas Shasainn, agus Baile Átha Cliath.

HIE

Bheir Rùnaire na h-Eaconamaidh, Keith Brown, fiosrachadh do Phàrlamaid na h-Alba an-diugh air suidheachadh Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean. Tha an Riaghaltas a' beachdachadh air bòrd nàiseanta a chur os cionn nam buidhnean sgilean agus leasachaidh, ach tha feadhainn a' gearain gu bheil sin a' tarraing chumhachdan air ais a Dhùn Èideann.

Coimisean na Croitearachd

'S e Riaghaltas na h-Alba a bhios a' taghadh Neach-Gairm ùr Choimisean na Croitearachd. Choinnich am bòrd ùr airson a' chiad uair an-dè, agus thuirt an t-Àrd-Oifigeach, Bill Barron, gur esan a bhios os cionn choinneamhan a' bhùird gus an tachair sin. B' e buill a' Bhùird a thaghadh am Fear-Gairm mu dheireadh, Cailean Ceannadach.

Johnstone Press

Bidh Johnstone Press a' gairm coinneimh shònraichte le luchd-earrainn a dheasbad call ro chìsean de £300m. Leag iad cuideachd an tomhas air luach na companaidh airson an dàrna turais ann am bliadhna. Tha Johnstone Press a' foillseachadh an Scotsman, an Yorkshire Post agus an I, agus faisg air 200 pàipear-naidheachd ionadail - Gaseat Steòrnabhaigh nam measg.