Schalk toilichte an Inbhir Pheofharain

  • 30 Am Màrt 2017
Alex Schalk Image copyright SNS

Chaidh Alex Schalk aig Ross County gu làidir às àicheadh aithris gun tug e slaic air Inbhir Pheofharain.

Nochd pìos mu dheidhinn Schalk is cluicheadair Duidseach eile aig County, Kenny Van Der Weg, ann an iris san Òlaind, is thog pàipear-naidheachd ann an Alba air.

A rèir na h-aithris acasan, thuirt Schalk nach eil dad ri dhèanamh ann an Inbhir Pheofharain, is gu bheil luchd-leantainn Chounty uabhasach sàmhach.

Thuirt iad cuideachd nach robh Schalk a' saoilsinn mòran de dh'ìre a' bhuill-coise ann an Alba.

Ann an agallamh ris a' BhBC, thuirt Schalk nach deach na rudan a thuirt e eadar-theangachadh ceart idir.

"Cha robh mi ach a' dèanamh coimeas eadar County is Inbhir Pheofharain agus an cluba a bh' agam san Òlaind, Breda", thuirt Schalk.

"Cha do chuir mi sìos air dad. Tha am fear-naidheachd air rudan eadar-theangachadh is an gleans aige fhèin a chur air.

"'S e pìos a bh' ann sa chiad dol a-mach a bha a' moladh Ross County agus a' taisbeanadh a' chluba san Òlaind.

"Tha mise toilichte an seo agus tha mi a' còmhradh ris a' chluba mun chùmhnant agam a leudachadh. Carson a chuirinn sìos orra? Tha e gu tur ceàrr", thuirt e.