Taghadh Chupa Valerie Fhriseil

  • 30 Am Màrt 2017
Iomain

Chaidh an taghadh a dhèanamh Diardaoin airson Cupa Valerie Fhriseil, cupa camanachd nan ban.

Rinneadh an taghadh cuideachd airson a' Chupa Dhùbhlain.

Bhuannaich Loch Abar Cupa Valerie Fhriseil an-uiridh, is Lòbhat a' soirbheachadh sa Chupa Dhùbhlan.

Tha Marine Harvest air innse gun cuir iad taic ris an dà fharpais, is iad mar thà a' cumail taic ri lìogaichean nam ban.

'S e Steve Bracken bho Marine Harvest a rinn an dà thaghadh Diardaoin.

Bha iad mar a leanas;

Cupa Valerie Fhriseil - A' Chairteal-Chuairt Dheireannach

Lòbhat - An Gearasdan

Còmhghall is Bòd - Obar Dobhair

Bàideanach is Srath Spè - Loch Abar

An t-Eilean Sgitheanach - Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal.

An Cupa Dùbhlain - Ro-Chuairt

Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal - Srath Spè

Tath For - Boireannaich Latharna

Gleann Urchadain - Inbhir Nis

Còmhghall is Bòd - Comann Camanachd Shasainn

Dùn Ad - Àird nam Murchan

Gleann Garradh - Loch Abar

Troimhe - Srath Ghlais, Latharna an Òbain

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile