Tansey a' dol a dh'Obar Dheathain

  • 30 Am Màrt 2017
Greg Tansey Image copyright SNS

Dh'innis Obar Dheathain gu bheil iad air aonta a ruighinn ri Greg Tansey is gun gluais e gu Pittodrie aig deireadh an t-seusain.

Thig cùmhnant Tansey le Caley Thistle gu ceann anns an t-Samhradh.

Thàinig Tansey a dh'Inbhir Nis an toiseach ann an 2011 bho Stockport County.

Chuir e seachad seasan air a' Ghàidhealtachd is thill e gu deas ann an 2012 le Stevenage.

Tràth ann an 2014 thill Tansey a dh'Inbhir Nis, is tha e air a bhith na chluicheadair cudromach dhan chluba bhon uairsin.

Dh'fheuch Obar Dheathain mar thà ri Tansey a cheannach bho Inbhir Nis an-uiridh.

Bha aca ri feitheamh, ach thèid Tansey bho Inbhir Nis gu Obar Dheathain, slighe a ghabh gu leòr eile, aig deireadh an t-seusain seo.