Ìomhaighean dealbhachaidh de phrìosan ùr Inbhir Nis

  • 30 Am Màrt 2017
Ìomhaigh dealbhaichte de phrìosan ùr Inbhir Nis Image copyright SPS

Tha Seirbheis Phìosan na h-Alba air ìomhaighean fhoillseachadh de na planaichean aca airson prìosain ùir ann an Inbhir Nis.

Tha an t-seirbheis a' moladh an goireas ùr a stèidheachadh air làraich air cùlaibh Raon Bhùithdean Inbhir Nis faisg air an A96.

Cha robh an làrach, a tha cuideachd faisg air Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean, ri fhaighinn roimhe agus bhathar a' beachdachadh air làraich ann am Baile Mhuillinn an Lèigheis an-uiridh.

Bhiodh prìosan ùr ann an Inbhir Nis a' gabhail ghnothaichean os làimh bhon t-seann phrìosan faisg air meadhan a' bhaile agus a chaidh a thogail bho chionn 112 bliadhna.

'S e prìosan Inbhir Nis fear de na prìosain as lugha agus as sine ann an Alba.

Thèid cead-dealbhachaidh a shireadh bho Chomhairle na Gàidhealtachd nas fhaide air a' bhliadhna.

Image copyright SPS
Image copyright SPS

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile