Sgeama na Hearadh ro chosgail - Uisge na h-Alba

  • 30 Am Màrt 2017
Ceann a Tuath na Hearadh Image copyright Iain MacIllEathain

Thuirt Uisge na h-Alba gun do chuir iad stad air sgeama leasachaidh anns na Hearadh leis gun cosgadh e mòran a bharrachd na bha dùil.

Cha robh muinntir cheann a tuath na Hearadh air an dòigh nuair a chuir a' bhuidheann casg gu h-obann air planaichean gus pìob uisge ùr a chur eadar an Tairbeart agus Hùisinis.

Bha dùil gun tòisicheadh an obair Diluain am 20mh den Mhàrt.

Tha Uisge na h-Alba a-nise ag ràdh gun robh an sgeama a' dol a chosg £6.75m.

Thuirt iad gun robh sin £1.5m a bharrachd na bha dùil aca.

Dragh

Dh'innis iad gur e cruth na tìre anns na Hearadh as coireach, is gun robh dragh orra cuideachd gum biodh uisge a' laighe sa phìob ùr ùine leis nach eil an t-uabhas de dhaoine a' fuireach san sgìre.

Tha Uisge na h-Alba ag ràdh gun coimhead iad a-nise air an t-siostam a th' ann a neartachadh.

Thuirt iad gu bheil iad cuideachd 'son tuigse nas fheàrr fhaighinn air na tha muinntir an àite ag iarraidh, is gu bheil iad deònach coinneamhan a chur air dòigh san sgìre.

B' e briseadh-dùil mòr a bh' ann do dh' Urras Cheann a Tuath na Hearadh gun deach an obair a chur dheth.

Dh'innis cathraiche an Urrais, Calum MacAoidh, gun robh a' choimhearsnachd air a bhith ag obair gu dlùth le Uisge na h-Alba, agus gun robh grunn leasachaidhean anns an amharc air sàilleabh 's gun robh pìob ùr gu bhith ann.

Fearg

Chan eil an t-Urras dad nas riaraichte leis a' mhìneachadh ùr a thàinig bho Uisge na h-Alba.

Thuirt iad gun robh fearann is creagan na Hearadh mar a bha iad 'son linntean, is nach robh iad a' tuigsinn ciamar a bha Uisge na h-Alba cho fada ceàrr mu na cosgaisean is duilgheadasan a bhiodh an lùib an leasachaidh.

Tha an t-Urras ag ràdh gu bheil suidheachadh an uisge mar a tha e an-dràsta a' cur maill air leasachaidhean san sgìre.

Tha luchd-poileataigs air a dhol an sàs is BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, air sgrìobhadh gu Rùnaire na h-Àrainneachd, Roseanna Choinneagan, ag iarraidh oirre dèanamh cinnteach gun tèid an sgeama mar a bha e air adhart.

Thuirt am BPA Gàidhealach Làbarach, Rhoda Ghrannd, gun robh ise air gealltanas fhaighinn bho Uisge na h-Alba gun rachadh càball bann-leathainn a chur an sàs còmhla ris a' phìob ùir, is coltas ann a-nise nach tachair sin nas motha.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile