Tagraichean nan comhairlean

  • 30 Am Màrt 2017
Bocsa bhaileat

Thàinig e am bàrr nach bi na ceannardan a bh' air Comhairle nan Eilean Siar is Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a' seasamh anns an taghadh sa Chèitean.

Chan eil ainmean Aonghais Chaimbeul no Dick Walsh a' nochdadh idir air liosta nan tagraichean.

Bha Mgr Caimbeul os cionn Comhairle nan Eilean Siar sa chòig bliadhna a chaidh seachad.

Bha Mgr Walsh iomadh bliadhna an sàs ann am poileataigs Earra-Ghàidheal is Bhòid.

Tha 60 tagraiche ann uile gu leìr anns na h-Eileanan an Iar, is 31 chomhairliche gu bhith air an taghadh.

Ann an sgìre Comhairle na Gàidhealtachd, bidh 165 tagraiche ann 'son 77 àite air an ùghdarras.

Bidh 74 tagraiche ann an Earra-Ghàidheal is Bhòid is 36 comhairlichean gu bhith ann air a' cheann thall.

Cha bhi taghadh idir ann an Cinn Tìre a Deas, 's gun ach triùir air seasamh agus triùir chomhairlichean gan taghadh san sgìre.

Bidh na taghaidhean ann Diardaoin an 4mh den Chèitean.