Riaghaltas gus suidheachadh HIE a mhìneachadh

  • 30 Am Màrt 2017
Pàrlamaid na h-Alba Image copyright Pàrlamaid na h-Alba

Thèid na tha san amharc aig Riaghaltas na h-Alba do dh'Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean a mhìneachadh aig Holyrood Diardaoin.

Thòisich an Riaghaltas ath-sgrùdadh air HIE is buidhnean iomairt is sgilean eile, ach chan ann gun chonnspaid a tha e.

Chaidh an ceòl air feadh na fìdhle sa chiad dol a-mach nuair a dh'fhoillsich an Riaghaltas planaichean gus aon bhòrd ùr nàiseanta a stèidheachadh a bhiodh os cionn bhuidhnean iomairt is sgilean na dùthcha air fad.

Chaidh fhàgail air an Riaghaltas leis na pàrtaidhean dùbhlanach gur e eisimpleir eile a bha seo air cumachdan a bhith air an gluasad gu meadhan na dùthcha.

Thuirt cuid gun robh an Riaghaltas airson cur às dha HIE uile gu lèir fo na molaidhean.

Chaill an Riaghaltas bhòt sa Phàrlamaid air a' chùis.

Nochd an uairsin molaidhean ùra gum biodh bùird leithid HIE air an glèidheadh, ach leis a' bhòrd ùr nàiseanta os an cionn agus a' brosnachadh co-obrachaidh eatorra.

Tha Rùnaire na h-Eaconamaidh, Keith Brown, a' cumail a-mach gum bi HIE fhathast stèidhichte air a' Ghàidhealtachd, is air a stiùireadh às an sgìre.

Mìnichidh e planaichean an Riaghaltais aig an ìre seo Diardaoin.

Aig an aon àm, ge-tà, cuiridh Maureen Nic a' Mhaolain, a bha roimhe na BPA Làbarach, athchuinge air beulaibh Comataidh nan Athchuingean Poblach, ag iarraidh nach tèid an Riaghaltas air adhart gus aon bhòrd ùr nàiseanta a stèidheachadh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile