Beachd air Brexit
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Beachd às na h-Eileanan air Brexit

29 Am Màrt 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Às dèidh còrr 's 40 bliadhna de bhallrachd san EU, leig an Rìoghachd Aonaichte fios Diciadain gun robh i a' fàgail an Aonaidh Eòrpaich.

Chaidh litir, ris an do chuir Theresa May a h-ainm, a thoirt do Cheann-suidhe na Comhairle Eòrpaich, Dòmhnall Tusk, anns a' Bhruiseil goirid às dèidh meadhan là.

Bidh a-nis dà bhliadhna de chòmhraidhean ann eadar an dà thaobh ann an oidhirp aonta a ruighinn.

Bhòt 55% de mhuinntir nan Eilean Siar airson fuireach san Aonadh Eòrpach.

Se dìreach aon sgìre-taghaidh comhairle a-mhàin a bhòt airson fàgail - An Taobh Siar agus Nis.

Bha deannan mhath ann, ge-tà, a bha gu làidir den bheachd gum bu chòir do Bhreatainn fàgail - gu h-àraid iasgairean.

Tha Ruaraidh Rothach air a bhith a' trusadh bheachdan.