Duaisean Dealbhadaireachd Nàdair na h-Alba gam foillseachadh

  • 29 Am Màrt 2017
Iolaire-uisge Image copyright Gordon Rae
Image caption Ghlèidh Gòrdan Rae duais thar chàich leis an deilbh de dh' Iolaire uisge òg ann an Rata Mhurchais.

'S i dealbh de dh'iolaire-uisge òg a ghlèidh duais thar chàich ann an Duaisean Dealbhadaireachd Nàdair na h-Alba.

'S e Gòrdan Rae à Locarbaidh a thog a' phrìomh dhuais ann an Rata Mhurchais faisg an air an Aghaidh Mhòir.

Shoiribhich le fear à Inbhir Nis le dealbh de ghobhachain-dhearga agus thog fear à Baile nan Granndach duais son an dealbh aigesan den Aonach Eagach ann an Gleann Comhann.

Agus bhuannaich Anndra Bulloch, aois 14, à Dùn Èideann duais Dealbhadair Òg na blaidhna-sa le dealbh de stoirm anns a' Pharbh.

Am Parbh Image copyright Andrew Bulloch
Image caption 'S e Annda Bulloch, aois 14, a ghlèidh an duais son dealbhadairean òga le dealbh den Pharbh ann an droch shìde.
Gobhachain-dhearga Image copyright Andy Howard
Image caption 'S e Andaidh Howard a bhuannaich an duais san roinn 'Dol a-mach Bheathaichean' leis an dealbh seo de dh'ghobhachain-dhearga ann an Sealtainn.
An t-Aonach Eagach Image copyright Paul Webster
Image caption Thog Pòl Webster an dealbh seo den Aonach Eagach ann an Gleann Comhann.
Boinne uisge Image copyright Edgaras Borotinskas
Image caption Ann an Roinn nan Oileanach, 's e Edgaras Borotinskas à Colaiste Shrath Fhoirthe a ghlèidh a' phrìomh dhuais.
Creag Bhogha na Fidhle Image copyright Stephen Crossan
Image caption Chaidh an dealbh seo dha na creagan iongantach aig Port Chnocaidh a thogail le Stephen Crossan.
Falaisg Image copyright Alan Johnstone
Image caption 'S e dealbh de dh'fhalaisg air Monadh Lammermuir a bhuannaich duais na h-àrainneachd son Ailean MacIain à Bearag a Tuath.
Reòthadh Image copyright Jeanette Stafford
Image caption 'Reòthadh an cruth itean' air a thogail le Jeanette Staffor à Glaschu
Raineach Image copyright Alan Johnstone
Image caption 'S e Ailean MacIain à Bearag a Tuath a thog an dealbh seo de sholas na grèine air an rainich.
Flataichena àrda Image copyright Kerstin Grunenling
Image caption Chaidh an duais bailteil a thogail le Kerstin Gruenling à Glaschu.

Na còraichean uile glèidhte.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile