Duaisean Dealbhadaireachd Nàdair na h-Alba gan foillseachadh

  • 29 Am Màrt 2017

'S i dealbh de dh'iolaire-uisge òg a ghlèidh duais thar chàich ann an Duaisean Dealbhadaireachd Nàdair na h-Alba.

'S e Gòrdan Rae à Locarbaidh a thog a' phrìomh duais ann an Rata Mhurchais faisg an air an Aghaidh Mhòir.

Shoiribhich le fear à Inbhir Nis le dealbh de ghobhachain-dhearga agus thog fear à Baile nan Granndach duais son an dealbh aigesan den Aonach Eagach ann an Gleann Comhann.

Agus bhuannaich Anndra Bulloch, aois 14, à Dùn Èideann duais Dealbhadair Òg na blaidhna-sa le dealbh de stoirm anns a' Pharbh.

Iolaire uisge Image copyright Gordon Rae
Image caption Ghlèidh Gòrdan Rae duais thar chàich leis an deilbh de dh' Iolaire uisge òg ann an Rata Mhurchais.
An t-Aonach Eagach Image copyright Paul Webster
Image caption Thog Pòl Webster an dealbh seo den Aonach Eagach ann an Gleann Comhann.
Gobhachain-dhearga Image copyright Andy Howard
Image caption 'S e Andaidh Howard a bhuannaich an duais san roinn 'Dol a-mach Bheathaichean' leis an dealbh seo de dh'ghobhachain-dhearga ann an Sealtainn.
Creag a' Bhogha Image copyright Stephen Crossan
Image caption Chaidh an dealbh seo na creagan iongantach aig Port Chnocaidh a thogail le Stephen Crossan.
Am Parbh Image copyright Andrew Bulloch
Image caption 'S e Annda Bulloch, aois 14, a ghlèidh an duais son dealbhadairean òga le dealbh den Pharbh ann an droch shìde.

Còireachan son nan dealbhan air an glèidheil.