Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

29 Am Màrt 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Artaigil 50

Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' cur a' phròiseas airson Breatainn a thoirt a-mach às an Aonadh Eòrpach air bonn oifigeil an-diugh. Tha litir, ris an do chuir Theresa May a h-ainm an-raoir, air a slighe an-diugh gu Ceann-Suidhe Chomhairle an Aonaidh Eòrpaich, Dòmhnall Tusk. Thug am Prìomhaire fiosrachadh dhan Chaibineat anns a' mhadainn mun phròiseas a leanas, agus bheir i aithris do Thaigh nan Cumantan feasgar.

Iasgairean

Tha mì-thoileachas ann le dearbhadh nach eil Oifis na Dùthcha a' toirt cead do chriutha à dùthchannan bho thaobh a-muigh an EU a bhith ag obair air bàtaichean iasgaich a' chosta an iar. Thuirt Ministear na h-In-imreachd, Robert Goodwill, nach e poileasaidh an Riaghaltais a bhith a' cruthachadh cosnaidh do dhaoine a tha, na bhriathran fhèin, "aig ceann ìosal nan sgilean obrach". Thuirt Dòmhnall Iòsaph MacIllEathain, manaidsear na companaidh giollachd Barratlantic, gu bheil sin a' dèanamh dìmeas air iasgairean, agus air a' ghnìomhachas.

Coimisean na Croitearachd

Tha Bòrd ùr Choimisean na Croitearachd a' coinneachadh airson a' chiad uair an-diugh an dèidh taghaidhean na seachdain seo chaidh. Bidh sianar choimiseanairean a chaidh a thaghadh ann, còmhla ri triùir air am fastadh leis an Riaghaltas. Thuirt Àrd-Oifigeach a' Choimisein, Bill Barron, gu bheil iad ag amas air tòiseachadh às ùr an dèidh buaireadh air a' bhliadhna a chaidh seachad.

Taic-airgid Chroitearachd

Tha Caidreachas Croitearachd na h-Alba a' fàgail air Riaghaltas na h-Alba nach eil iad a' cumail ris na gheall iad mu thaic-airgid LFASS, agus iad a' cumail a-mach gun caill croitearan 20% den taic an ath-bhliadhna. Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gur e Riaghaltas Bhreatainn agus an t-Aonadh Eòrpach as coireach. Ged a bha dùil gun tigeadh sgeama ùr gu bith am-bliadhna, tha an Caidreachas ag ràdh gun do chuir Riaghaltas na h-Alba dàil ann agus gur e sin as coireach gun caill croitearan gu mòr.

Peairt

Tha aithrisean ann gun deach aon duine a ghoirteachadh nuair a thuit staidhre ann an tenement ann am meadhan Pheairt. Chaidh fios air na seirbheisean èiginn mu 07:30m an-diugh, agus bha còig einnseanan smàlaidh aig aon àm aig an togalach air Sràid Athall anns a' bhaile.

Ailig Dòmhnallach

Chaochail Ailig Dòmhnallach - Ailig Hearach - air an robh mòran eòlach mar chraoladair Gàidhlig. Bha e 83, agus bha e air a bhith meadhanach bho chionn ùine. Ged is e tidsear a bh' ann, bhiodh e cuideachd a' lìbhrigeadh phrògraman air Radio nan Gàidheal mar Na Dùrachdan, Cuireamaid Ceist, agus Fonn is Aria. Chuir e ùine seachad cuideachd sna h-80an a' lìbhrigeadh Aithris na Maidne. Rugadh agus thogadh Ailig ann an Sgarastadh anns na Hearadh, agus 's e bràthair a bh' ann do Finlay J Dòmhnallach nach maireann. Chuir e seachad a' mhòr-chuid de a bheatha a' fuireach ann an Inbhir Nis far an do thog e fhèin agus a bhean Shiela dithis mhac.