An Coimisean gan dìon fhèin

  • 29 Am Màrt 2017
Coimisean na Croitearachd

Chaidh Coimisean na Croitearachd às àicheadh chasaidean bho sheann Fhear-Ghairm na buidhne, Cailean Ceannadach, gun robh iad a' cleith fiosrachaidh mu dheidhinn buaireadh nan comataidhean ionaltraidh.

Cha b' urrainn dhaibh a ràdh, ge-tà, an deach gus nach deach iarraidh air coimiseanairean cur às do phàipearan co-cheangailte ris a' ghnothach.

Choinnich bòrd ùr a' Choimisein gu h-oifigeil 'son a' chiad turais Diciadain.

Thuirt Àrd-Oifigeach a' Chomisein, Bill Barron, ro-làimh gun robh iad ag amas air tòiseachadh às ùr às dèidh na connspaid a th' air a bhith ann sa bhliadhna a chaidh seachad.

Tha a h-uile coltas ann nach bi e cho furasta sin a dhèanamh, ge-tà, is gu dearbha, nochd Mgr Ceannadach Diciadain aig a' choinneimh ann an Inbhir Nis.

Casaidean

Às dèidh dha àite mar choimiseanair a chall san taghadh bho chionn cola-deug, dh'fhàg e air a' bhuidhinn gun robh iad fhèin is an Riaghaltas air fiosrachadh a chleith.

Chaidh Mgr Barron às àicheadh sin.

"Chan eil mi a' smaointinn gu bheil e cothromach a ràdh gun deach an gnothach a chleith, tha mi a' smaointinn gu bheil sin a' dèanamh fada cus de thrioblaid sam bith a dh'fhaodadh a bhith ann.

"Tha an oifis agam a' ruith mar bu chòir is tha sinn a' dol a thoirt seachad seirbheis phroifeiseanta", thuirt e.

Bha Cailean Ceannadach cuideachd air fàgail air a' Choimisean gun deach cur às dha pàipearan co-cheangailte ri suidheachadh Mhangurstaidh, far an deach comataidh ionaltraidh a' bhaile a chur ma sgaoil.

Cha robh Mgr Barron na dhreuchd aig an àm, is thuirt e nach b' urrainn dha beachd a thoirt seachad air na casaidean.

"Chan urrainn dhomh bruidhinn mun sin. Chan aithe dhomh dad mu shuidheachadh sònraichte, ach tha mi cho cinnteach 's a ghabhas, ma 's e is gun do thachair sin uaireigin, nach do thachair e ach aon turas, is nach e rud idir a bha a' tachairt gu cunbhalach", thuirt e.

Chuir Mgr Barron fàilte air an naidheachd gun d' fhuair na Poilis nach do bhris croitearan Chuil Uaraich an lagh a thaobh rathad a chaidh a thogail san sgìre ann an 2008.

Airgead-dìoladh

Dhearbh e gu bheil an Coimisean air fios fhaighinn bho na croitearan gur dòcha gun iarr iad airgead-dìolaidh bhuapa.

Thuirt e gum beachdaich an Coimisean air iarrtas sam bith a thig mun coinneimh, ach gu bheil an Coimisean airson obrachadh còmhla ris na croitearan is an càirdeas leotha a leasachadh.

Chaidh a dhearbhadh cuideachd gur e Riaghaltas na h-Alba a thaghas Neach-Gairm ùr a' Choimisein.

B' e buill a' bhùird a thagh Cailean Ceannadach.

Bidh Mgr Barron os cionn choinneamhan a' bhùird gus an tèid Neach-Gairm a thaghadh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile