An Crùbh gus fosgladh

  • 31 Am Màrt 2017
An Crùbh Image copyright Iomairt Chamus Chros & Dhuisdeil

Fosglaidh ionad ùr coimhearsnachd ann an Slèite Disathairne.

'S e Iomairt Chamus Chros & Dhuisdeil a tha air 'An Crùbh' a thogail, is iad airson is gum bi àite cruinneachaidh is bùth ann do mhuinntir an àite is luchd-tadhail.

Thàinig taic còrr is £1m bho Mhaoin a' Chrannchuir, £600,000 bho Mhaoin Choimhearsnachdan a' Chladaich, is £100,000 bho HIE.

Thug an oighreachd, Fearann Eilean Iarmain, seachad fearann.

Tha an togalach, ri taobh prìomh rathad Shlèite, a-nise deiseil.

Image copyright Iomairt Chamus Chros & Dhuisdeil

Thathas an dòchas gur e àite a th' ann a bheir a' choimhearsnachd còmhla, is gun tog a' bhùth is an cafaidh cuideachd airgead a thèid air ais dhan choimhearsnachd.

"'S e gnìomhachas a tha seo air a ruith gu maith na coimhearsnachd", thuirt Cathraiche Iomairt Chamus Chros & Dhuisdeil, Mark Wringe.

"Chan ann gu prothaid phearsanta no duine no companaidh a tha e, ach gum bi a' phrothaid - nuair a nì sinn prothaid is chan eil sinn an dùil ri prothaid sa chiad dol a-mach - gum bi sin a' biathadh a-steach dhan ghoireas, gur e sin a phàigheas airson an talla bhreagha a th' againn a chumail suas, is gum bi buannachd ann ann am bliadhna no dhà dha pròiseictean ionadail eile sa choimhearsnachd", thuirt e.

Thug An Crùbh buannachd mar-thà le obraichean ùra a' tighinn dhan sgìre.

Tha manaidsear ann, dithis ag obair sa bhùth, triùir gu bhith ag obair sa chafaidh is sa chidsin, is daoine fhathast gan sireadh airson obraichean pàirt-ùine a lìonadh.

Image copyright Iomairt Chamus Chros & Dhuisdeil

Thig fosgadh oifigeil as t-Samhradh, ach 's e là mòr a bhios ann dhan choimhearsnachd Disathairne nuair a dh'fhosglas na dorsan.

Fosglaidh a' bhùth aig 08:30m is an cafaidh aig 10:00m, is dùil gum bi iad trang.

Bidh a' bhùth fosgailte seachd là san t-seachdain.

Fosglaidh an cafaidh an toiseach bho Dhiciadain gu Didòmhnaich, le dùil gun tèid sin a leudachadh nuair a bhios luchd-obrach a bharrachd ann.

Tha Iomairt Chamus Chros & Dhuisdeil a-nise an dòchas gum brosnaich na rinn iad coimhearsnachdan eile pròiseictean den leithid a chur air adhart iad fhèin.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile