Fearg le co-dhùnadh air iasgairean cèin

  • 29 Am Màrt 2017
Mùsgan-caol

Tha mì-thoileachas ann an gnìomhachas an iasgaich le dearbhadh nach bi cead aig iasgairean bho dhùthchannan taobh a-muigh an Roinn Eòrpa a bhith ag obair air bàtaichean iasgaich air a' chosta an iar.

Tha cuid sa ghnìomhachas air a bhith a' gearain air cion iasgairean bho chaidh laghan atharrachadh, a' cur stad air iasgairean bho thaobh a-muigh Sgìre Eaconamaich na Roinn Eòrpa (EEA) bho a bhith a' tighinn a dh'iasgach ann an uisgeachan tìreach na Rìoghachd Aonaichte - sin taobh a-staigh dusan mìle bho chosta na dùthcha.

Chaidh cuid de bhàtaichean a cheangal aig a' chidhe anns na h-Eileanan an Iar, is sgiobairean ag ràdh nach b'urrainn dhaibh criutha fhaighinn as aonais iasgairean à dùtchannan cèin.

Thuirt iad gun robh seo a' toirt droch bhuaidh air eaconomaidh nan eilean san fharsaingeachd, is iad ag iomairt gus cead a thoirt dha na h-iasgairean.

Thuirt iad cuideachd nach robh na h-iasgairean seo airson fuireach san dùthaich ach air adhbharan obrach airson beagan mhìosan.

Fhuair an luchd-iomairt briseadh-dùil, ge-tà, le Ministear na h-In-imriche, Raibeart Goodwill, ag innse nach tèid cead a thoirt seachad.

Thuirt e gum bu chòir barrachd a dhèanamh gus daoine às an Rioghachd seo fhèin a bhrosnachadh a bhith ris an iasgach.

Ìosal

Dh'innis Mgr Goodwill cuideachd nach e poileasaidh an Riaghaltais a bhith a' cruthachadh cosnaidh do dhaoine aig "ceann ìosal nan sgilean obrach".

Chuir sin an fhearg air Dòmhnall Eòsaph MacIlleathain, manaidsear na companaidh giollachd Barratlantic, a tha air a bhith ag iomairt airson atharrachadh anns na laghan.

"Tha mi a' smaointinn gu bheil e gu math truagh ma tha e ag ràdh leithid an rud. Chan eil dreuchd san Rìoghachd a tha cho cunnartach ri obair an iasgaich. Tha an duine às a rian ma tha e ag ràdh leithid an rud, nach eil na sgilean ann", thuirt Mgr MacIlleathain.

Thuirt Mgr MacIlleathain cuideachd gun robhas a' feuchainn ri iasgairean ionadail fhaighinn ach nach robh daoine gu leòr ann, is e ag ràdh gu bheil làn fhios aig Oifis na Dùthcha mun sin.

Thuirt e nach eil e follaiseach dè an ath-cheum a bhios ann dhan luchd-iomairt.

"Ma tha na sgothan gu bhith a' ruith a-mach à criutha, dè tha iad a' dol a dhèanamh? Tha iad a' dol a reic is a' dol a dh'fhalbh a dhèanamh rudeigin eile.

"Chan eil fiosam dè an ath-rud as urrainn dhut a dhèanamh. Mura h-eil na h-eathraichean a' dol a dh'fhaighinn criutha a thig a-mach gu muir is a nì an obair, tha e a' dol gan cur à bith", thuirt e.