Cobhair ga dhèanamh air cù

  • 29 Am Màrt 2017
Cù air a shàbhaladh Image copyright Maoir-chladaich na Gàidhealtachd

Chaidh cobhair a dhèanamh air cù a bha glaicte ann an gil cumhang aig Rubha Dhùnaid ann an Gallaibh.

Bha sgiobaidhean teasairginn à Inbhir Ùige, Sgràbastal is Duncansby an lùib na h-iomairt.

Thathas a' tuigsinn gun robh an cù air tuiteam mu 50 troigh, is ceò tiugh na dhùbhlan dhan luchd-teasairginn

Chaidh neach-teasairginn a chur sìos dhan ghil le ròpa is chaidh aca air an cù a thàladh, is chaidh an dithis a thogail às.

Tha coin air luchd-teasairginn na Gàidhealtachd a chumail trang anns na làithean mu dheireadh.

Chaidh cù-chaorach air a bheil Nell a shàbhaladh le sgioba Loch Abair às dèidh dhi a bhith a dhìth fad dusan là.

Chunnaic neach a bha a' dol seachad air trèana Nell sa ghil ann an Drochaid Ruaidh.